Sa bhloga seo, tha sinn air coimhead air loidhne a bha uair san Underground agus a tha a-nis na loidhne ghlèidhte (Epping-Ongar), mu loidhne a bha uair san Underground agus a tha a-nis san lìonra nàiseanta (Northern City Line) agus mu loidhne Underground a tha a-nis air a dhol dhan lìonra nàiseanta mar phàirt den London Overground (Loidhne Lunnainn an Ear).
Gach turas a bhios mi ann an Lunnainn, bidh mi a’ tadhal air loidhne fho-thalamh eile a tha gu math neo-àbhaisteach – an Waterloo and City Line, no ‘the drain’.
Aig ceann na loidhne: Waterloo
Tha an loidhne ghoirid seo – a tha mu 1.5 mìle a dh’fhaid, a ruith eadar dà stèisean – Waterloo agus Bank. Tha i a’ frithealadh daoine a tha ag obair ann am banca Shasainn agus san t-city.
Chaidh an Waterloo and City Railway fhosgladh ann an 1898 ann mar loidhne tiub domhainn fon Thames. Ged is e rathad-iarainn fo-thalamh a th’ ann, cha deach a chur a-steach dhan London Underground idir. Aig a’ Chruinneachadh (Grouping) ann an 1923, chaidh a chur dhan Southern Railway agus chaidh a chur gu British Railways nuair a chaidh na rathaidean-iarainn a chur còmhla san roinn phoblaich ann an 1948.
Aig ceann eile na loidhne: Bank
Mar sin, bha loidhne tiub ann nach robh idir san London Underground agus aig an robh a trèanaichean fhèin seach trèanaichean London Underground.
Bha na trèanaichean a bha air an loidhne eadar 1940 agus 1994 air leth snog agus tha tè aca air a glèidheadh san Acton Museum Depot.
Dealbh sgoinneil bho Terry Eyres air Flickr de na seann trèanaichean.
Aig a cheann thall, chaidh an loidhne a thoirt dhan London Underground ann an 1994 agus chaidh trèanaichean ùra coltach ris na trèanaichean tiub air an Central Line a chur air an loidhne ann an 1993.
Tha spiorad fa leth fhathast aig an loidhne bheag sgoinneil seo, ge-tà agus mholainn gun tèid a h-uile aficionado rèile air – dìreach thoir an aire gu bheil tòrr bhancairean ann!
Alasdair
Pingback: Mundane ann an Lunnainn! Turas gu Acton Depot #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean