Croeso i Gymru – turas dhan Chuimrigh 2 #gàidhlig

Air an turas agam dhan Chuimrigh bho chionn gorid, bha dà uair a thìde agam ri cur seachad ann an Caer/Chester.
Tha stèisean Caer breàgha air an taobh a-muigh le coltas rud beag coltach ri Stèisean Ui Chonghaile ann am Baile Àtha Cliath. Tha e gu math fuar gaothach air an taobh a-staigh, ge-tà, tha foyer an stèisean gu math beag agus tha an togalach feumach air tòrr mòr obair sgeadachaidh.


Is e stèisean cudromach trang a th’ ann agus tha e air a fhrithealadh le trèanaichean Merseyrail a bharrachd air trèanaichean Arriva Trains Wales agus trèanaichean Virgin West Coast.

Tha an stèisean pios a-mach às a bhaile ach ‘s e cuairt snog a th’ ann do mheadhan a’ bhaile, seachad air a’ chanàl. No mur eil thu airson coiseachd, tha bus sònraichte ann gach 5 mionaidean.


Tha Caer dìreach àlainn, car coltach ri York ach air a’ chosta an iar. Mur eil thu air a bhith ann, mholainn gu mòr e. Bha mi ann air latha a’ cheumnachaidh san oilthigh agus bha am baile loma-làn boireannaich òga air high-heels mòra mòra air nach robh iad comasach coiseachd gu math!

Talla a' bhaile, Caer

Às dèidh cuairt ann am meadhan a’ bhaile agus cofaidh, bha an t-àm ann a dhol air ais dhan stèisean gus an trèana fhaighinn gu deas gu Rhiwabon (Ruabon).

Beagan mhionaidean às dèidh dhuinn Caer fhàgail, bha sinn anns a’ Chuimrigh. Bha sin gu math follaiseach nuair a stad an trèana aig Wrecsam agus a thàinig mu dheichnear fear a-steach agus iad uile a’ bruidhinn sa Chuimris!

An uair sinn, ràinig sinn  Rhiwabon far an robh mo charaid Rhisiart a’ feitheamh rium.

Ri leantainn….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s