Nàire air d’ fheusag! Turas dhan Chuimrigh 3 #gàidhlig

Air an turas agam dhan Chuimrigh bho chionn goirid gus clas Gàidhlig a theagasg, fhuair mi an trèana gu Rhiwabon/Ruabon agus choinnich mo charaid Rhisiart rium an sin. 

Bha sinn a’ dèanamh air Bala ann an Gwynedd. Bha againn ri dhol sa chàr ach nam biomaid air an aon turas a dhèanamh ro 1965, bhiodh an rathad-iarainn air a dhol cha mhòr dhan doras aig ionad Glan Llyn oir bha e air an loidhne eadar Rhiwabon agus Abermaw/Barmouth. Chaidh a dhùnadh le Beeching – Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a Bheul. No mar a chanadh tu sa Chuimris nàire air fheusag! Ionnsaich mi gun robh an abairt sin gu math gu math làidir sa Chuimris uair. Deagh abairt airson a ràdh ri hiopstairean cuideachd! 

Seo mapa den t-seann loidhne:

rhiwabon-gu-abermaw

Ged nach eil an loidhne air fad ann an-diugh, tha dà dhiofar phàirt dhith air ath-fhosgladh mar rathaidean-iarainn glèidhte – Rheilffordd Llangollen agus Rheilffordd Llyn Tegid (Bala Lake Railway).

Tha Llangollen na loidhne ghèidse-choitcheann a tha 10 mìle a dh’fhaide eadar Llangollen agus Carrog agus tha Bala na loidhne chaol-ghèidse a tha a’ ruith mu 4.5 mìle eadar Bala agus Llanuwchllyn.

Chunnaic sinn beagan den t-seann loidhne bhon rathad. Stad sinn airson greiseag airson Drochaid-uisge ainmeil Pontcyssyllte fhaighinn agus tha tòrr de làrach na loidhne fhathast ri fhacinn faisg air làimh.

Drochaid-uisge Pontcysyllte, a' Chuimrigh #gàidhlig

A photo posted by Alasdair MacCaluim 🚃 (@alasdairmaccaluim) on

Agus bha an dealbh seo air balla faisg air an drochaid cuideachd:

Aodach nàiseanta na Cuimrigh! Spaideil! Ach an robh aodach mar seo riamh air dhaoine an da-rìribh? #gàidhlig

A photo posted by Alasdair MacCaluim 🚃 (@alasdairmaccaluim) on

Gu h-iongantach, chan fhaca mi boireannach sam bith sa Chuimrigh a’ caitheamh aodach mar sin fhad ‘s a bha mi ann. Bha mi a’ smaoineachadh gun robh coltas Richie Blackmore orra!

Ri leantainn….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, Ath-fhosglaidhean, caol-ghèidse, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte, treanaichean agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Nàire air d’ fheusag! Turas dhan Chuimrigh 3 #gàidhlig

  1. Thuirt Rhisiart Hincks:

    Bha na boireannaich a’ cur aodach mar sin orra, ach bha aodach aodach eadar-dhealaichte ann an diofar sgìrean. https://en.m.wikipedia.org/wiki/Traditional_Welsh_costume Chuidich Augusta Waddington (Lady Llanofer) a ‘brosnachadh an èididh mar aon nàiseanta. An-diugh, bidh na caileagan beaga a’ orra aodach mar sin orra air Latha an Naoimh Dàibhidh anns na sgòiltean.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s