Cofiwch Dryweryn – turas dhan Chuimrigh 4 #gàidhlig

Bha mi anns a’ Chuimrigh bho chionn goirid aig cùrsa “Gàidhlig anns a’ Chuimrigh” faisg air Bala. Chaidh a chumail aig Glan-Llyn, aonad spòrs a-muigh tro mheadhan na Cuimris ri taobh Llyn Tegid  (Bala Lake sa Bheurla) anns “a’ Chuimris-tachd” no Y Fro Gymraeg mar a chanas iad sa chànan eile.

Clas Gàidhlig sa Chuimrigh, Bala, Gwynedd, A' Chuimrigh #gaidhlig

A photo posted by Alasdair MacCaluim 🚃 (@alasdairmaccaluim) on

Abair gun do chòrd an turas rium. Bha clas beag snog agam le daoine à diofar àiteachan sa Chuimrigh a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bha a h-uile duine air a’ chùrsa uamhasach laghach agus bha Cuimris aca uile agus Gaeilge aig dithis aca cuideachd. Agus rud a bha gu math brosnachail dhomh, bha Gàidhlig gu math fileanta aig a’ mhòr-chuid aca mar-thà.

Air an dàrna oidhche den chùrsa, chaidh sinn a-mach airson deochag ann an taigh-òsta Yr Eagles ann an Llanuwchllyn.  Chòrd seo rium glan oir bha a h-uile duine sa bhàr a’ bruidhinn sa Chuimris. Bha mi air mo dhòigh glan! Bha an taigh-òsta ud dà-chànanach air an oidhche sin – Cuimris agus Gàidhlig!

Muinntir Gàidhlig sa Chuimrigh

A photo posted by Alasdair MacCaluim 🚃 (@alasdairmaccaluim) on

Choisich sinn dhachaigh às dèidh làimh agus bha an rathad gu math coltach ris an rathad eadar Taigh-òsta Armadail agus Sabhal Mòr Ostaig. Bha na solais air taobh eile an locha coltach ri solais Mhalaig air taobh eile Linn Shlèite!

Tha baile LLanuwchllyn cudromach a thaobh an rathaid-iarainn. Seo far a bheil Rathad-iarainn Llyn Tegid (Bala Lake Railway) stèidhichte. Ionnsaich mi rud inntinneach eile mu rathaidean-iarainn fhad’s a bha mi ann cuideachd: gun robh rathad-iarainn ann an Tryweryn.

Mar phàirt den turas, bha cothrom againn na goireasan aig Glan-Llyn a’ cleachdadh – bowlio deg (bobhladh 10 pin), snàmh agus turas bàta air an loch. Nuair a bha sinn a-mach air an loch, dh’innse am fear a bha a’ stiùireadh a’ bhàta gun robh a sheanair à Capel Celyn ann an Gleann Tryweryn.

30565149180_880544f4f3_z

Ma tha thu a’ leughadh a’ bhloga seo, tha deagh sheansa ann gu bheil thu eòlach air sgeulachd Tryweryn mar-thà, ach air eagal ‘s nach eil, seo na thachair.

Anns na 1950an. bha Comhairle Liverpool airson loch-tasgaidh ùr a thogail. Bha iad airson a thogail anns a’ Chuimrigh ann an Tryweryn, coimhearsnachd far an robh a’ Chuimris làidir. Bhiodh aca ri fuadachadh a dhèanamh air muinntir an àite gus sin a dhèanamh.

Thog luchd-iomairt strì làidir an aghaidh seo agus agus nuair a thàinig a’ chùis gu Wesminster, bhòt 35 a-mach às na 36 Buill Pàrlamaid airson na Cuimrigh na aghaidh. Bha muinntir na Cuimrigh gu ìre mhath aonaichte an aghaidh planaichean Comhairle Liverpool ach aig a’ cheann thall, chaidh an gleann a bhathadh agus chaidh a’ choimhearsnachd à bith.

cofiwch_dryweryn

Cuimhnich Tryweryn

‘S e sgeulachd gu math brònach a th’ ann ach rinn an strì tòrr gus an gluasad airson fèin-riaghaladh dhan Chuimrigh a neartachadh agus gus gluasad a’ chànain a bhrosnachadh.

Fhuair mi a-mach às dèidh dhomh tighinn dhachaigh gun robh rathad-iarainn ann an Tryweryn. Bha rathad-iarainn Bala is Ffestiniog a’ dol tron ghleann agus bha stad-rèile (halt) ann an Capel Celyn fèin.

Bha Comhairle Liverpool deònach pàigheadh airson slighe ùr dhan rathad-iarainn timcheall air an loch-tasgaidh ach chaidh an loidhne a dhùnadh mus deach an loch-tasgaidh a thogail.

Chithear an loidhne anns an dealbh seo.

img_4378

Agus seo mar a tha cùisean an-diugh.

img_4381

Mapa an latha an-diugh – Fosgailte ann an dubh, loidhichean dùinte ann an liath, stèisean dùinte ann an dearg, loidhne dhùbailte = mothballed

Ged a dhùin a’ mhòr-chuid den loidhne tràth anns na 1960an, chùm BR an loidhne fosgailte eadar Blaenau Ffestiniog agus Trawsfynydd airson ionad-niùclasach Trawsfynydd. Dhùin an loidhne sin aig deireadh nan 1990an às dèidh dhan stèisean-cumhachd dùnadh.

Bho chionn goirid, tha obair air tòiseachadh gus an rathad-iarainn eadar Blaenau Ffestiniog agus Trawsfynydd fhosgladh as ùr. Tha iad a’ sireadh airgid gus loco a cheannach an-dràsta. Gur math a thèid leotha!

San dol seachad, ma tha ùidh agad ann an eachdraidh na h-Èireann, aithnichidh tu an t-ainm Frongoch air a’ mhapa. ‘S ann an sin a bha an campa far an deach prìosanaich Èireannach a chumail às dèidh Àr-a-mach na Càisge ann an 1916.

Cuimhnich air Tryweryn, cuimhnich air Ar-a-mach na Càisge agus cuimhnich cuideachd air an sgrìos uamhasach a rinn Beeching air rathaidean-iarainn na Cuimrigh – Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a’ Bheul!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, Eirinn, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte, Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s