Bàs air an loidhne – turas dhan Chuimrigh 5 #Gàidhlig

Air an t-slighe dhachaigh bho Chùrsa Gàidhlig sa Chuimrigh bho chionn goirid, fhuair mi am bus bho Wrecsam gu Caer/Chester a chionn ‘s nach robh trèana ann aig àm freagarrach.

Chan eil mi a’ smaoineachadh gun robh mi riamh ann an àite cho fuar ri stèisean bus Wrecsam agus mar sin, ‘s math nach robh mi ann ach fad 15 mionaidean. Cha robh a h-uile duine a cheart cho fuar rium fhèin, ge-tà. Bha buidheann bheag de bhalaich ann a bha ag òl superlager gus an cumail blàth agus fear eile a bha ag caitheamh raineach. Abair salubrious!

Nuair a thàinig am bus gu Caer, bha e gu math blàth agus gu math spàideil ùr. Tha am bus eadar Wrecsam agus Caer le Arriva Buses Wales mar phàirt de bhrannd shònraichte air a bheil “an Sapphire”. Chan e a-mhàin gu bheil ainm air a’ bhus, tha na busaichean ùr, tha wifi, clàran-fiosrachaidh agus seathraichean leathair cofhurtail ann.

800px-arriva_buses_wales_cymru_4402_j200abw_8699953492

Bus Sapphire (Le Alan Sansbury, bho Wikimedia Commons)

Bha an clàr fiosrachaidh agus na clàraidhean fuaime (‘guth nam mysteron’) air a’ bhus dà-chànanach, fiù ‘s air taobh Shasainn na crìche, mar as còir. Gu h-inntinneach, bha a’ Bheurla ann am blas RP fuar gallda agus bha a’ Chuimris ann an guth blàth chàirdeil!

dscn6155

Clas 175 “CymruStar” ann an Caer air seirbheis gu Cryw

Aig Caer, ghlac mi an trèana gu Cryw/Crewe. ‘S e Clas 175 a bh’ ann, no CymruStar mar a th’ agam orra a chionn ‘s gu bheil na trèanaichean uile seo aig Arriva Trains Wales agus gum bi iad a’ ruith nan seirbheisean eadar-chathrach uile sa Chuimrigh. Tha iad a cheart cho Cuimreach ri Ivor the Engine fhèin!

cwx87uexeaacctj

Às dèidh turas goirid gu Cryw, fhuair mi an trèana agam gu tuath. Bha e air leth fuar ann an Cryw agus bha mi toilichte nach robh agam ri fuireach fada.

Nuair a nochd an trèana, ge-ta, chaidh innse dhuinn gun deach cuideigin a marbhadh le trèana eadar Preston is Wigan agus gum biodh sinn a’ feitheimh ùine mhòr ann an Cryw.

Cha robh rud san bith a’ gluasad gu tuath no deas agus thug e ceithir uairean a thìde Preston a ruighinn. Aig Warrington,  agus aig Wigan thàinig na ficheadan no, is dòcha na ceudan air bòrd. Bha iad uile fuar reòite agus bha cuid aca air a bhith seasamh ùine mhòr.

Cha toil leam a bhith a’ càineadh nan companaidhean rèile ach an turas seo, cha d’ rinn Virgin math gu leòr. Cha do chùm iad fios ruinn mu na bha a’ tachairt, mu dè cho fada a bha sinn gu bhith ann no mu dè thachradh do dhaoine aig an robh connections. Bhiodh e feumail nan robh iad air bruidhinn ruinn air an tannoy fiù ‘s airson a ràdh nach robh fios aca na bha a’ dol. Bha an suidheachadh dona aig na stèiseanan cuideachd is cuid de na daoine a thàinig air bòrd ag ràdh nach robh fiosrachadh ri fhaighinn anns an stèisean mu na bha a’ dol. Cha robh biadh gu leòr ann am bùth na trèana nas motha.

Nuair a ràinig sinn Preston, chaidh innse dhuinn gun robh an trèana air an robh sinn, a bha a’ dol gu Dùn Èideann a-nis gu bhith a’ dol gu Glaschu. Chaidh innse dhuinn an uair sin gun robh e gu bhith a’ dol gu Dùn Èideann agus gum bu chòir dhuinn a dhol gu àrd-ùrlar eile airson a dhol a Ghlaschu. Chaidh na ceudan de dhaoine dhan àrd-ùrlar sin, cuid a bha gu math aosta agus cuid aig an robh clann òg, ach bha an trèana loma-làn agus cha d’fhuair ach glè bheag de dhaoine air bòrd.

Chaidh iarraidh oirnn an uair sin feitheimh ris an ath thrèana air an àrd-ùrlar sin, ach nuair a thàinig an trèana, chaidh innse dhuinn nach robh i a’ dol a Ghlaschu idir agus gun robh againn ri dhol air ais dhan trèana air an robh mi sa chiad dol a-mach!!

Nuair a thàinig criutha ùr air bòrd na trèana seo, bha iad fìor mhath. Thug iad deoch dhan a h-uile duine, thug iad dhuinn fiosrachadh air “guth nam mysteron” mu bhith a’ faighinn ar cuid airgid air ais airson prìs nan tiocaidean agus thàinig stiùiriche na trèana dhan a h-uile duine gus faighinn a-mach an robh connection aca. Bha seo tòrr nas fheàrr.

Ged nach robh an suidheachadh seo math, thòisich daoine air bruidhinn ri chèile. An tòiseach, bha iad a’ bruidhinn mun turas – dè nì mi mun connection agam? Ciamar a gheibh mi mo chuid airgid air ais? Cuine a bhios sinn a’ falbh? Ach às dèidh greis, thoisich daoine air bruidhinn ri chèile – càite a bheil thu a’ dol? Dè an t-ainm a th’ ort? Dè bha thu ris an-diugh? Bha e snog faicinn gun robh daoine a’ bruidhinn ri chèile agus a’ cur eòlas air a chèile.

Ràinig sinn Glaschu Mheadhain aig 23:30, còrr is dà uair a thìde air dheireadh agus bha aig tòrr dhaoine ri tacsaidhean fhaighinn airson a dhol dhan cheann-ùidhe aca – cuid aca ann am Fìobh is Dùn Dè.

Turas gu math fada ach gu math inntinneach!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, busaichean, rathaidean-iarainn, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Bàs air an loidhne – turas dhan Chuimrigh 5 #Gàidhlig

  1. Thuirt Rhisiart:

    Tha mi duilich gu robh an turas cho doirbh!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s