Splaoid na Nollaig: Turas dhan Chuimrigh, Caer, Penbedw agus Lerpwl #gàidhlig

Gach bliadhna, bidh mi a’ dol air turas rèile fada air choireigin eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhna ùr. Rinn mi meatro a’ Chaisteil Nuaidh air fad aon bhliadhna, mar eisimpleir, agus Loidhne Costa Cumbria an-uiridh.

Chuir mi na tiocaidean agam air dòigh a-raoir airson na h-ath splaoid rèile agam. Chòrd an turas agam dhan Chuimrigh bho chionn goirid rium an uiread is gu bheil mi airson a dhol air ais mar-thà! Fhuair mi bargan cuideachd – £12 eadar Glaschu agus Caer/Chester agus £12 eadar Liverpool agus Glaschu air an t-slighe air ais.

Tha mi air an splaoid rèile as ùire agam a chur air dòigh! £12 Glaschu-Caer/Chester agus £12 Liverpool-Glaschu. #bargan #gaidhlig

A photo posted by Alasdair MacCaluim 🚃 (@alasdairmaccaluim) on

‘S e am plana agam a dhol gu Caer is an uair sin gu Wrecsam sa Chuimrigh airson a dhol air loidhne nan Crìochan eadar Wrexham Central agus Bidston ann an Sasainn. An uair sin, tha mi a’ dol a dhol air cuid de na trènaaichean dealanach aig Merseyrail agus a dhol gu Liverpool airson a’ chiad turas.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s