Bidh mi a’ dol gu Liverpool agus taobh tuath na Cuimrigh air safari rèile goirid às dèidh na Nollaig. Cha robh mi ann an Liverpool riamh roimhe. Agus tha adhbharan agam air sin – adhbharan creideimh.
Adhbharan creideimh? Seadh! (Ged is atheist a th’ annam…)

The Flying Spaghetti Monster – may you be touched by his noodly appendage!
Canaidh cuid gur e creideamh a th’ ann am meatailt throm (heavy metal) seach dìreach roghainn ciùil agus feumaidh mi ràdh gu bheil rudeigin aca. Tha gaol mòr làidir domhainn aig rocairean air a’ cheòl aca nach eil aig mòran dhaoine eile. Cuideachd, tha luchd na meatailt gu math monotheistic – chan èist iad ri rud sam bith nach eil air ’slighe na fìreantachd’ i.e roc cruaidh/meatailt throm agus punc is prog!
Bha iomairt fiù ’s ann ann an 2011 gus daoine a bhrosnachadh airson meatailt throm a chur sa chunntas-sluaigh mar an creideamh aca.
OK, ach dè a’ cheangal eadar seo agus Liverpool?
Ma tha meatailt na creideamh, am measg Deich Àitheantan na Meatailt, tha: Biodh gràin agad air na Beatles.
Agus *tha* gràin agam air na Beatles agus bha riamh. Tha fhios agam gun tug iad buaidh mhòr air ceòl agus gu bheil iad uamhasach cudromach, ach dhomhsa, chan eil anns an stuth tràth aca ach pop bubblegum càiseach agus chan eil anns an stuth psychedelic aca ach sgudal mòr-chùiseach pseudach do-èisteachd. Agus CÀITE BHEIL AN GIOTÀR?
Dh’èist daoine ris na Beatles ann sna 60an gus nach biodh againn ri èiteachd riutha!!
Nuair a bha mi òg, bha na beachdan seo agam caran knee-jerk ach nuair a dh’fhàs mi suas agus nuair a dh’fhàs m’inntinn na b’ fhosgailte is na bu reasanta, dh’fheuch mi ri èisteachd riutha a-rithist agus thug mi cothrom na fèinne dhaibh. Agus bha iad fhathast sgriosal agus overrated nam bheachd. Agus nas cudromaiche, CHA ROBH GIOTÀR GU LEÒR ANN!
Dhomhsa, agus do luchd na meatailt san fharsaingeachd, bha an Who agus na Stones tòrr na bu chudromach sa chiad ghinealach de cheòl roc. Thoisich iad roc, thòisich na Beatles pop!
Mar sin, bha mi caran leisg a dhol dhan bhaile às an tàinig na Beatles mar thoradh air seo.
Ach ma tha droch eachdraidh ciùil aig a’ bhaile, tha eachdraidh inntinneach aig na rathaidean-iarainn.
Tha siostam rèile suburbach aig Liverpool is Merseyside. Tha e eadar-dhealaichte bho shiostam sam bith eile taobh a-muigh Lunnainn oir is e siostam “treas-rèile” a th’ aca – trèanaichean dealain a tha faiginn dealain bho threas rèile air an làr seach bho loidhnichean os cionn an trac.
Ged is e siostam gu math beag a th’ ann, tha a franchise fa leth aige – Merseyrail oir tha an siostam cho eadar-dhealaichte ris a’chòrr den lìonra ann an Sasainn a Tuath.
Seo mapa den lìonra.
‘S e am plana agam a’ mhòr chuid de loidhne a’ Wirral – no Cilgwri mar a chanas iad sa Chuimris – a dhèanamh san aon latha, cho math ri loidhne nan Crìochan (Bidston-Wrecsam). Bidh mi an uair sin a’ dol dhachaigh taobh Liverpool.
Bidh mi ag èisteachd ri tòrr ceòl math air m’ ipad air an latha sin – ach chan ann ris na Beatles!
Alasdair
p.s – tha cuid air faighneachd dhiom carson a tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh an uiread air a’ bhloga bho chionn goirid. Freagairt – gus nach bi agam ri smaoineachdh mu Dhòmhnall bloody Trump agus na rudan eile a tha a’ dol ceàrr air an t-saoghal!
Ec jerrey yn teihill bee yn caggey mooar s’jerree ayn as bee uss shassoo son y çheu dorraghey (Stones) as mish er çheu ny h-ainleyn (Beatles).
'S toilLiked by 1 duine
Ach is fheàrr leam an Who!
'S toil'S toil