Bliadhna mhath ùr!
Gach bliadhna, bidh mi a’ dol air turas trèana fada eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr. Am-bliadhna, chaidh mi gu trì dùthchannan ann an aon latha – Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.
Clì: Clas 175 “Cymru-star” ann an Cryw, deas: Clas 150 “Sprinter” ann an Caer.
Thòisich cùisean ann an Glaschu Mheadhain aig 05:50 le trèana gu Crewe (no Cryw, mar a th’ air sa Chuimris!). An uair sin, goirid às dèidh 10m, ghlac mi an trèana bheag gu Chester (Caer) agus an uair sin trèana eile gu Wrecsam (Wrexham) anns a’ Chuimrigh.
Bha mi airson a dhol air “Loidhne nan Crìochan” eadar Wrecsam Canolog (Wrexham Central) agus Bidston anns a’ Wirral – no Cilgwri mar a th’ aca air sa Chuimris.

Mapa loidhne nan Crìochan – tha Wrecsam – Hawarden Bridge sa Chuimrigh agus tha an còrr ann an Sasainn
Ged a tha an loidhne gu math faisg air a’ chrìch le Sasainn, tha coltas cho Cuimreach sa ghabhas air a’ chruth-tìre agus tha e gu math follaiseach gur ann sa Chuimrigh a tha thu. Tha na stèiseanan beag, dùtchail is snog agus mholainn an loidhne gu mòr.
Tha rud no dhà a tha inntinneach mu loidhne nan Crìochan ma tha ùidh agad ann an cumhachd ath-nuadhachail – chì thu an toiseach achadh de phanalan grèine agus nas fhaisg air a’ chosta, chithear crainn-gaoithe aig muir.

Rinn mi iomairt bheag air Twitter fhad’s a bha mi ann cuideachd!
An uair sin, bha an t-àm ann trèana a ghlacadh air siostam nam “Merseyside Electrics” – na trèanaichean dealain a tha a’ ruith anns a’ Wirral agus mòr-sgìre Liverpool.
Rinn mi air West Kirby an toiseach agus an uair sin air New Brighton. ‘S e an rud a bu mhotha a bhuail orm gun robh stoidhle art-deco air na stèiseanan uile – bha iad uile mar rudeigin a-mach à Poirot!

Clas 508 ann an New Brighton
Tha na trèanaichean às a’ Wirral a’ ruith fon Mhersey agus an uair sin ann an tunail ann an lùb fo mheadhan Liverpool. Tha na stèiseanan fo thalamh coltach ri rudeigin a-mach à Star Wars.
Clì: Art Deco aig New Brighton, Deas: Star Wars aig Liverpool Central
Chaidh mi an uair sin do Birkenhead. B’ àbhaist dhomh a bhith ag obair còmhla ri fear à Merseyside agus nuair a thuirt mi “Birkenhead” uair, rinn e gàire. “Nach tu tha posh – canaidh muinntir an àite Bekin’ead ris!”
Mar sin, airson a bhith sàbhailte, ’s e Penbedw – an t-ainm Cuimris – a chleachdas mi air an àite!
‘S e stèisean gu math mòr a th’ ann an Stèisean Hamilton Square ann am Penbedw agus tha tùr air leth fhèin mòr os cionn an stèisein.
Chaidh mi sìos dhan abhainn airson coimhead a-nall gu Liverpool ach air an t-slighe, chunnaic mi sealladh eile ris nach robh mi an dùil – trama!
Bha fios agam gu bheil slighe-trama ann an Penbedw ach bha i gu bhith dùinte air an latha sin a rèir na làraich-lìn aca agus mar sin, bha mi air mo dhòigh glan trama fhaicinn taobh a-muigh togalach aiseag na Mersey.
Chaidh mi air bòrd agus chaidh mi gu taigh-tasgaidh còmdhail a’ Wirral far a bheil deagh chruinneachadh de sheann tramaichean is busaichean is eile. Bha na saor-thoilich air leth laghach agus aig deireadh an latha, bha cothrom a dhol air an trama Nollaig aca.
Tha an loidhne mu mhìle a dh’fhaide agus tha e a’ ruith air an t-sràid faisg air meadhan baile mòr. San dòigh seo, tha an loidhne glèidhte seo gu math eadar-dhealaichte ri Summerlee no Crich Tramway Museum.
Abair latha mòr a bh’ agam – 12 tursan trèana, 2 thuras trama agus trì dùthchannan!
Alasdair