Rathaidean-iarainn san t-Saoghal Àrsaidh 1: Iosrael/Palastain #gàidhlig

Sgrìobh mi sreath air a’ bhloga seo  air an robh Rathaidean-iarainn san t-Saoghal Ùr bho chionn greiseag – na Stàitean Aonaichte, Canada, Sealan Nuadh is eile.

Nuair a thug caraid dhomh seann leabhar-abairtean Eabhra bho chionn goirid, thug sinn orm smaoineachadh air cuspair eile – rathaidean-iarainn anns an t-Saoghal Àrsaidh!

palestinerailwaysposter

Mar sin, rinn mi rud beag rannsachaidh air-loidhne agus cheannaich mi seann leabhar The Railways of Palestine and Israel (1984) le Paul Cotterell.  Rud a tha inntinneach – agus brosnachail – ’s e sin nach eil e furasta leughadh mu rathaidean-iarainn Iosrael/Palastain san latha an-diugh sa Bheurla. Ged a tha tòrr stuth ann, tha a’ mhòr chuid ann an Eabhra is Arabais mar as còir.

Chaidh a’ chiad rathad-iarainn ann am Palastain fhosgladh ann an 1892 eadar Iopa agus Ierusalem. Leudaich an lìonra rèile gu mòr sna trì deicheadan às dèidh sin, a’ ceangal bhailtean an dà chuid ann am Palastain fhèin agus ann an an dùthchannan eile – Siria, Iordan, Leabanon agus an Èipheit.

Chithear cuideachd gun robh an rathad-iarainn a’ frithealadh cuid de na bailtean a tha sa Bhruach an Iar agus ann an Raon Ghasa san latha an-diugh, a’ gabhail a-staigh Cathair Ghasa, Tulkarem  agus Nablus.

palestinerailways1924

palsetine-railways

Beagan poileataigs! Mus tèid mi air adhart do rathaidean-iarainn às dèidh stèidheachadh Stàit Iosrael, bu chòir dhomh ràdh far a bheil mi a’ seasamh a thaobh Iosrael is Palastain gus nach bi mì-thuigse sam bith ann. Tha mo làn thaic ri ri Fuasgladh an Dà Stàid, le stàit Palastaineanach stèidhichte air crìochan ro 1967.

Dh’atharraich cùisean gu mòr a thaobh nan rathaidean-iarainn às dèidh cogaidhean 1947-49 agus stèideachadh Stàid Iosrael ann an 1948.  Chaidh tòrr den lionra a sgrios agus chaidh na ceanglaichean ri dùthchannan eile uile a ghearradh agus chailleadh na rathaidean iarainn anns a’ Bhruach an Iar agus Raon Ghasa cuideachd.

Chaidh an siostam ath-thogail taobh a-staigh crìochan stàid Iosrael mean air mhean. Aig an tòiseach, rinn an rathad-iarainn gu math ach bha riaghaltas na dùthcha ùir seo beò-ghlacte le càraichean agus le bhith a’ togail rathaidean-mòra. Mar sin, ged a chleachd 4.4 millean daoine na trèanaichean ann an 1960, bha an àireamh seo air ìsleachadh gu 2.5 millean ann an 1990.

220px-flag_of_israel_railways-svg-1

Suaicheantas Rathaidean-iarainn Iosrael

Aig deireadh nan 1990an, bha cùisean cho dona is gun deach an loidhne eadar Tel Aviv agus Ierusalam – an dà chathair-bhaile as motha san dùthaich – a dhùnadh.

Anns an linn seo, ge-tà, tha cùisean air atharrachadh gu mòr. Bha na rathaidean-mòra ro shoirbheachail dhan ìre is gun robh fada cus trafaig ann is bha feum air rathaidean-iarainn ùra. ‘S ann le Riaghaltas Iosrael a tha Rathaidean-iarainn Iosrael agus tha iad air airead mòr a chosg air loidhnichean ùra san deich bliadhna mu dheireadh. Chaidh loidhne Tel Aviv gu Ierusalam ath-fhosgladh cuideachd.

Seo an lionra mar a tha e an-diugh.

img_4913

Am measg nam planaichean a th’ aca aig an àm seo tha:

  • A’ dèalanachadh an lionra rèile air fad
  • Rathad-iarainn ‘astar-luath’ ùr eadar Tel Aviv agus Ierusalam (gu bhith a’ fosgladh am-bliadhna)
  • Loidhnichean ùra, a’ gabhail a-steach loidhe tro fhasach an Negev gu Eilat, a’ chathair-bhaile as fhaide a deas san dùthaich air Gulf Aqaba.

Tha siostam tramaichean ann an Ierusalam agus tha planaichean ann airson tramaichean ann an Tel Aviv cuideachd.

Sin suidheachadh Iosrael. Dè mu dheidhinn sgìre Ùghdarras Nàiseanta Phaileastain? Chan eil rathad-iarainn sam bith ann aig an àm seo, gu mì-fhortanach. Dh’fhaodte gun tachair e latha den làithean, ge-tà. Mar phàirt de dh’iomairt na sìthe, mus do bhris sin sìos, bha còmhradh ann air rathad-iarainn eadar Gaza agus am Bruach an Iar, rud a bhiodh feumail gus an stàid a cheangal ri chèile. Tha an t-ùghdarras air a bhith a’ beachdachadh air loidhne eadar Gasa agus an Eipheit cuideachd. Chan eil mòran coltais ann gun tachair dad a thaobh rathaidean-iarainn ann am Palastain gus am bi sìth ann agus gus an tèid Stàit Phalastaineanach a stèidheachadh, ge-tà.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Rathaidean-iarainn san t-Saoghal Àrsaidh 1: Iosrael/Palastain #gàidhlig

  1. Thuirt Neil McRae:

    Ceum mòr air adhart ’son trèanaichean!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s