Ged is ann mu rathaidean-iarainn na h-Alba is man dùthchannan Ceilteach a bhios mi a’ sgrìobhadh mar as trice, tha mi fìor dheidheil air rathaidean-iarainn Lunnainn cuideachd.
Tha mi air tòrr ionnsachadh mu rathaidean-iarainn a’ bhaile bho na bhideothan aig an YouTubaiche Geoff Marshall. Tha e air dà shreath a dhèanamh a tha a’ còrdadh rium gu sònraiche – Least Used Stations agus Secrets of the Underground.
Tha pròiseact bhideo ùr fa near dha a-nis: All Stations. Tha Geoff agus a chèile Vicki Pipe a’ feuchainn ri dhol dhan a h-uile stèisean rèile ann an Alba, a’ Chòrn, a’ Chuimrigh agus Sasainn.
Tha iad air duilleag Kickstarter a chur air dòigh gus maoineachadh fhaighinn agus tha iad a’ dol a dhèanamh bhideo proifeiseanta den turas air fad.
Thoir sùil air a’ bhideo aca agus ma chòrdas e riut, thoir not no dha dhaibh airson anturais sgoinnneil seo.
Tha mi a’ sponsaireadh dà stèisean – An Dùn Breac far a bheil mi a’ fuireach agus Stepps far an do thogadh mi.
Alasdair
“… Alba, a’ Chòrn, a’ Chuimrigh agus [an corr] …”
Tapaidh leibh, a charaid, airson na Còirn’ a chuimhneachadh, tha sinn ann fhathast 😉
Meur ras dhywgh rag perthi kov a Gernow vyghan, yth ezon ni omma hwath 😉
'S toil'S toil