Alba gu Ascension? #gàidhlig

Chuir mi tagradh a-steach do cho-fharpais ‘bucket list adventure’ aig CapriSun an-uiridh gus feuchainn ri turas a bhuannachadh gus na h-Eileanan Fàclannach (Falkland Isles) agus Eilean na Deasgabhalach (Ascension Island)

Seo post-bloga a sgrìobh mi mu dheidhinn aig an àm.

800px-Ascension_Island_LocationEilean na Deasgabhalach – Beag AGUS fad air falbh!

‘S e bhòt a bh’ anns a’ cho-fharpais agus gus buannachadh, dh’fheumadh tu a bhith anns a’ phrìomh 10 a thaobh bhòtaichean.

Ciamar a chaidh dhomh?

Le taic bho mo chàirdean is caraidean, bha mi sa phrìomh 10 aig a cheann thall. Taing mhòr a h-uile duine! Chaidh an tagradh agam a chur air adhart don phannal-breithneachaidh agus chuala mi air ais gun do bhuannaich mi duais. Chuala mi mìos no dhà às dèidh sin nach do bhuannaich mi a’ phrìomh duais ach gum faighinn duais eile a bhiodh co-cheangailte ris a’ bhucket list adventure a bha mi air taghadh.

Bho chionn goirid, chuala mi na bha mi air buannachadh……..

……. turas gu Caisteal Dhùn Èideann!

Chan eil mi cinnteach dè an ceangal a bh’ ann ris na h-Eileanan Fàclannach no Eilean na Deasgabhalach ach chan eil mi a’ dol a ghearain mu dheidhinn – tha e daonnan math a bhith a’ dol gu Caisteal Dhùn Èideann.

Ach às dèidh sin, bha mi a’ smaoineachadh nach fhaighinn gu Eilean na Deasgabhalach gu bràth.

Mapa de dh’Eilean na Deasgabhalach (Bho Wikimedia Commons)800px-Ile_de_l'ascension_routes.svg

Ach an uair sin, bha beachd ùr agam. Bho chionn goirid, dh’aithris mi air iomairt maoineachaidh-sluaigh All the Stations aig Geoff Marshall agus Vicki Pipe airson a dhol air turas rèile gu gach stèisean ann am Breatainn.  Tha iad gu bhith a’ dèanamh bhideothan mun adhartas aca ‘S e pròiseact gu math mòr a th’ ann – bheir e mìos agus cosgaidh e còrr is £30,000 gus bhideothan proifeiseanta a dhèanamh.  Fhuair iad an t-airgead a bha a dhìth orra taobh a-staigh 2 sheachdain.

Thug sin orm smaoineachadh – saoil am b’ urrainn dhomh turas gu Eilean na Deasgabhalach (Ascension Island) a chur air dòigh tro mhaoineachadh-sluaigh?

Bu toil leam ur beachdan air seo a chàirdean!

Tha mi air rud beag rannsachaidh a dhèanamh air a’ chùis agus tha mi air obrachadh a-mach gun cosgadh turas gu Eilean na Deasgabhalach a mhaireadh seachdain eadar £2,500 agus £3,000 a’ gabhail a-steach na cosgaisean air fad (trèanaichean, plèanaichean, àiteachan fuirich, càr air mhall, bhìosa, àrachas agus a h-uile rud eile).

Nis, ’s e an rud cudromach le pròiseactan mar seo gum faigh na daoine a chuireas airgead ris a’ mhaoineachadh-sluaigh rudeigin air ais. Leis an iomairt All the Stations, mar eisimpleir, ’s e an rud as motha a tha thu a’ faighinn air ais gu bheil thu a’ faireachdainn gu bheil thu air an turas còmhla ri Geoff is Vicki tro na bhideothan snoga èibhinn a nì iad.  Tha fios agad cuideachd dè seòrsa bhideo a bhios ann a chionn ’s gu bheil iad air feadhainn a dhèanamh mar-thà den aon seòrsa.

Flag_of_Ascension_Island.svg

Bratach Eilean na Deasgabhalach

Seo mo cheist dhuibh!

(a) A bheil sibh a’ smaoineachadh gun oibreachadh maoineachadh-sluaigh? Agus am biodh tu dèonach ann am prionnsabal beagan airgead a chur ris (chan eil mi a’ bruidhinn air airgead mòr ach air £15 no £20)

(b) dè bu toil leibh fhaicinn mar thoradh air a’ phròiseact? Dè an rud a bu toil leibh faighinnn às gu pearsanta agus/no dè a bhiodh bhiodh inntinneach/feumail do dhaoine san fharsaingeachd?

(c) a bheil beachd sam bith eile agaibh air dòighean gus airgead a thogail – no dòigh sam bith eile – gus faighinn gu Eilean na Deasgabhalach?

Bhruidhinn mi ri beagan chàirdean agus seo na molaidhean a fhuair mi gu ruige seo:

  • Bloga a’ coimhead air Eilean na Deasgabhalach – air eachdraidh is nàdar is glèidhteachas is eile, mu bhith a’ cur an turais air dòigh agus mun turas fhèin le puist cunbhalach. Bhiodh na puist uile dà chànanach.
  • Leabhar-d a sgrìobhadh mun turas (san dà chànan) agus a thoirt dhan a h-uile duine a bheir airgead dhan phròiseact.
  • A bhith deònach bruidhinn ri buidheann/comann sam bith mun turas agam às dèidh làimh ann an Gàidhlig no Beurla.
  • A’ feuchainn ri faighinn a-mach am biodh ùidh aig craoladair no companaidh foillseachaidh sam bith sa ghnothach.
  • Na dealbhan as fheàrr a thogas mi a chur air bioran-cuimhne do dhaoine a bheir airgead dhan phròiseact.
  • Vlog agus no podcast fhad’s a bhios mi anns an eilean. Bhiodh iad seo uile dà chànanach.
  • Film a dhèanamh mun chùis (chan e rud hi-tech a bhiodh ann ach rud le camara air leth simplidh – is dòcha rudeigin coltach ri Take me to Pitcairn le Jools McDonnell. (Ach chan eil mi cinnteach a bheil na sgilean filmidh idir idir cho math!)
  • Rudeigin a thoirt do na daoine a bheir airgead dhan phròiseact – cairt puist às an eilean no bratach an eilean no rudeigin eile.

‘S e an rud as cudromaiche a th’ ann gum biodh daoine a’ faireachdainn gun robh iad a’ faighinn rudeigin air ais agus nach e dìreach “Alasdair’s big fat holiday” a bhiodh ann!

Dè ur beachd a chàirdean? An bheil sibh a’ smaoineachadh gur e deagh idea a tha seo? Droch idea? An robh sibh an sàs ann am maoineachad-sluaigh roimhe? Bhiodh e math beachd sam bith a th’ agaibh air a chùis a chluinntinn.

Ach carson a tha mi airson a dhol ann?

  • Tha e iomallach! Eil thu a’ smaoineachadh gu bheil Hiort no Rònaigh iomallach? Tha iad coltach ri Lunnainn an taca ri Eilean na Deasgabhalach!
  • Chaidh Charles Darwin ann air turas a’ Bheagle agus sgrìobh e mu dheidhinn!
  • Tha e na eilean bholcànach a tha car coltach ri Mars!
  • Tha coille uisge ann a chaidh a chur le Darwin gus feuchainn ri uisge fhaighinn air an eilean tioram seo – agus dh’obraich e! Tha lusan is craobhan ann à gach ceàrnaidh den t-saoghal.
  • Tha an t-eilean sgoinneil airson nàdar – turtairean, partanan-talmhainn (land crabs), asalan-fiadhaich is eile.
  • Tha eachdraidh  chudromach air a bhith aig an eilean ann an seòladaireachd, cogadh agus fiù’s an space race.
  • Mas e is gun obraich am pròiseact seo, tha mi a’ beachdachadh air turas eile gu Seòirsia a Deas agus na h-Eileanan Fàlclannach aig a bheil ceangail cho làidir ris na Gàidheilg.

Dè ur beachd?!

Taing mhòr!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Eileanan, Gàidhlig, Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Alba gu Ascension? #gàidhlig

  1. Pingback: Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc: Turas gu Hiort a’ chinn a deas | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s