Tha Translink, a’ chompanaidh a tha a’ ruith còmhdhail phoblach ann an Èirinn a Tuath air co-chomhairle a chur air dòigh mu bhith a’ cur Gaeilge air na sgrìnichean fiosrachaidh air busaichean ann an sgìre Dhoire.
Chuir iad fios dà-chànanach air busaichean air Bothar na bhFál ann am Béal Feirste beagan bhliadhnaichean air ais agus tha iad ag iarraidh bheachdan bhon t-sluaigh mu bhith a’ leudachadh dà-chànanas gu busaichean ann sgìre Dhoire.
Gabhaidh an ceisteachan a lìonadh sa Ghaeilge agus sa Bheula.
Tha mi fhèin air a lìonadh, a’ cur taic ris a’ mholadh agus a’ moladh gum bu chòir do na soidhnichean aig stèiseanan rèile a bhith dà-chànanach cuideachd.

Clas 4000 a’ fàgail Stèisean Dúbhearn, Port Rois
Alasdair