Busaichean-tràilidh Ghlaschu – 50 bliadhna bho dh’fhalbh iad #gàidhlig #trolleybus

B’ e fìor dhroch latha airson na h-àrainneachd agus airson còmhdhail phoblach na h-Alba a bh’ ann an 27 Cèisean 1967.

‘S ann air an latha sin a dhùin siostam nam busaichean-tràilidh (trolleybus) ann an Glaschu.

Soidhne ann an Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh, Sandtoft

Dè th’ ann am bus-tràilidh? Tha e letheach slighe eadar trama agus bus – bus dealanach a bhios a ruith air an rathad air taidhrichean ach a bhios a’ togail dealain tro pholaichean air a’ mhullach.

Dà bhus-tràilidh Lunnainneach, Taigh-tasgaidh Sandtoft

Bha siostaman mòra ann an Lunnainn, Caerdydd, Beal Feirste agus grunn bhailtean ann an taobh tuath agus meadhan Shasainn. Dhùin an siostam mu dheireadh san RA, siostam Bradford, ann an 1972.

Bha oidhirp ann gus busaichean-tràilidh a thoirt air ais ann an Leeds bho chionn goirid ach chuir an Riaghaltas stad air an sgeama aig a’ mhionaid mu dheireadh bliadhna no dhà air ais agus mar sin, chan eil e coltach gum faic sinn busaichean-tràilidh san eilean seo a-rithist, gu mì-fhortanach.

Tha tòrr siostaman bus-tràilidh soirbheachail fhathast san Roinn Eòrpa, ge-tà, a tha  a’ toirt seachad còmhdhail phoblach uaine.

Bus-tràilidh ann am Moscow

Tha àite no dhà anns an RA far am faic thu busaichean-tràilidh a’ ruith ann an taighean-tasgaidh. ‘S e Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh ann an Sandtoft faisg air Doncaster an t-àite leis a’ chruinneachadh as motha agus air 27 Cèistean 2017, 50 bliadhna bho dhùin siostam Ghlaschu, bidh mi ann aig tachartas sònraichte gus busaichean-tràilidh Ghlaschu a chomharrachadh.

Bus-tràilidh glèidhte à Glaschu

Tha dà bhus-tràilidh à Glaschu fhathast ann – fear dùbailte ann an Sandtoft agus fear singilte ann an Taigh-stòras nan Taighean-tasgaidh ann an Glaschu (chan eil e air a thaisbeanadh gu poblach an-dràsta, gu mì-fhortanach). Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ dol air bus-tràilidh Ghlaschu mu dheireadh thall – rud a bha mi ag iarraidh dèanamh bho bha mi beag bìodach!

Ma tha cuimhne aig duine sam bith air na busaichean-tràilidh, bu fhìor mhath cluinntinn mu dheidhinn agus cuiridh mi na beachdan agaibh suas air a’ bhloga seo!

Lìonra nam Busaichean-tràilidh, Glaschu

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s