Crogaelgeoirí ann an Cumaradh! #gàidhlig

‘S fìor thoil leam turasan rèile –  mar a tha fhios aig leughadairean a’ bhloga seo – ach tha rudeigin a tha gu sònraichte math mu thuras a tha a’ dol dhan tràigh agus a’ gabhail a-steach an dà chuid trèana is bàta.

Aig tòiseach làithean saora na Càisge, chaidh sinn air fear de na tursan rèile is bàta as fheàrr leam – Glaschu gu Port a’ Mhuilinn (Millport) ann an Cumaradh. Chaidh mi air an turas seo an tòiseach mu 15 bliadhna air ais agus chòrd e rium glan agus bi mi a’ feuchainn ri dhol air ais co-dhiù turas sa bhliadhna.

Tha rudeigin caran surreal mu eilean Chumaraidh. Bidh thu a’ dol air an aiseag agus an àite a bhith a’ tighinn a-steach don tìr ann am baile no cidhe trang le bùithtean is cafaidhean mar a bhios a’ tachairt ann an àite sam bith eile, chan eil rud sam bith ann an Sliop Chumaraidh idir ach a-mhàin stad bus!

An uair sin, bidh a h-uile duine a’ dol air a’ bhus airson turas mu 3 mìle a-steach do Phort a’ Mhuilinn. ‘S e turas bus gu math inntinneach a th’ ann oir mar as trice bidh am bus loma-loma-làn agus bidh daoine a’ strì is a’ trod ri chèile gus faighinn air bòrd agus gus àite-suidhe no fiù’s àite-seasaimh fhaighinn. Tha mi a’ smaoineachadh gur ann bhon turas bus seo a tha an t-seann abairt a’ tighinn: chan ann am Bòid uile a tha an t-olc; tha cuid dheth sa Chumaradh Bheag làimh ris!

Às dèidh an turais bus (ma mhaireas tu beò tro shabaid nam prama is nam peinnseanairean), ruigidh tu Port a’ Mhuilinn, prìomh bhaile an eilein.  Ged a tha corra taigh an siud ’s an seo ann an àiteachan eile san eilean, tha glè bheag dhiubh ann agus chan eil baile sam bith eile ann.

Tha coltas caran neònach air Port a’ Mhuillinn oir ged a tha e air an tràigh, tha na taighean air a’ phrìomh shràid nan teanamantan mar a chitheadh tu ann an Glaschu agus chan eil e idir coltach ri baile-puirt eileanach eile mar a chitheadh tu ann am Muile no san Eilean Sgitheanach no ann an Àrainn mar eisimpleir.

Bha Port a’ Mhuilinn air leth mòr-chòrdte gus na 60an airson saor-làithean “doon the watter” airson muinntir Ghlaschu agus tha tòrr bhùithtean ann a tha a’ reic bhucaidean is spaidean agus cafaidhean a tha reic reòiteag agus iasg is tiops.

An turas seo, bha mi ann leis na Mentalist Sisters – mo nighean Ciorstaidh is Eubha.

Rinn sinn na rudan àbhaisteach – reòiteag, an tràigh, tiops ann an Café an Ritz agus turas gu ‘Clach a’ Chrògail’. Chleachd mi seo mar leisgeul airson taic a thoirt don iomairt airson Achd Gaeilge do cheann a tuath na h-Èireann!

An rud as fheàrr mun latha – dh’ionnsaich mi gur e nàisean a th’ ann an Cumaradh! Seadh, nàisean!

Agus is dòcha nach e beachd cho gorach sin a th’ ann – tha e nas motha na co-dhiù dà nàisean eile: a’ Bhatacan agus Monaco.

Tha deagh chonspiracy theory agam mu Chumaradh cuideachd. ‘S e sin gum bi iad a’ filmeadh Death in Paradise ann an Cumaradh Mòr seach ann an Guadeloupe mar a bhios am BBC a’ cumail a-mach. Tha iad gu tric a’ filmeadh air an tràigh agus tha eilean beag ann gu math faisg air làimh a tha a’ coimhead gu math coltach ri Cumaradh Beag (Wee Cumbrae).

Tha mi an dùil turas a chur air dòigh gu Cumaradh Beag latha de na làithean mar phàirt den phròiseact ùr agam Alasdair Ascends – Alba gu Ascension. ‘S e amas a’ phròiseact seo a bhith a’ dol gu Eilean na Deasgabhalach san Atlantaig a Deas agus mar phàirt den phròiseact, tha mi gu bhith a’ coimhead air beagan eileanan inntinneach is iomallach ann an Alba cuideachd.

Mar a chanas iad, mo bheannachd air Cumaradh Mòr, Cumaradh Beag agus air eileanan Bhreatainn is Èirinn làimh riutha!

Alasdair

An turas: GLC-CUL (via LAR).

An leabhar agam: Turtle Island: A Journey to Britain’s Oddest Colony le Sergio Ghione.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean, buses, Gàidhlig, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s