The Midnight Train to Georgemas – smaointean air loidhne a’ Chinn a Tuath #gàidhlig

Tha rathaidean-iarainn na h-Alba a’ sìor fhàs aig an àm seo leis a h-uile loidhne a’ sealltainn àrdachadh ann an àireamh an luchd-cleachdaidh bho bhliadhna gu bliadhna ach a-mhàin Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath.

Chan e a-mhàin nach eil na h-àireamhan a’ fàs air an loidhne seo eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa, tha iad fiù’s a’ tuiteam. Chaidh àireamhan sìos ann an Inbhir Ùige bho c25,000 ann an 2011 gu nas lugha na 20,000 an-uiridh leis na h-àireamhan airson Inbhir Theòrsa sìos bho 48.000 gu 38,000.

‘S e suidheachadh cunnartach a tha seo. Chan e loidhne ghoirid a tha seo nach eil a’ cosg cus airson a ruith – ’s e loidhne air leth fada a th’ innte – 161 mìle uile gu lèir ann an sgìre dhùthchail.

Carson a tha na h-àireamhan a’ tuiteam?

Neo-chunbhalachd nan trèanaichean.  Tha fada cus de na trèanaichean fada air dheireadh no air an cur dheth. Tha dà adhbhar ann air seo:

  • Tha an loidhne singilte agus chan eil gu leòr lùban seachnaidh ann. Faisg air ceann a tuath na loidhne, tha dà bheàrn de chòrr is 20 mìle ann eadar lùban seachnaidh.  Ma tha trèana air dheireadh, feumaidh tè de na trèanaichean feitheimh gus am faigh iad seachad air a’ chèile.
  • Tha na trèanaichean air an t-slighe (clas 158) a’ sreap ri 30 bliadhna a dh’aois agus bidh iad a’ briseadh sìos nas trice na b’ àbhaist.

Agus a bharrachd air seo, tha an trèana a’ toirt ùine mhòr – 4 uairean gu leth – co-dhiù uair a thìde nas fhaide na bhith a’ dol ann air an rathad.

Bidh tòrr choimiutairean a’ cleachdadh ceann a deas na loidhne airson a dhol a dh’obair ann an Inbhir Nis ach leis an neo-chunbhalachd seo, tha na h-àireamhan sin a’ tuiteam cuideachd.

Tha Càirdean na Loidhne a Tuath air aithisg fhoillseachadh gus coimhead air na duilgheadasan agus na gabhadh dèanamh mu dheidhinn. Seo cuid de na rudan a tha iad a’ moladh:

  • Trèana oidhche eadar Dùn Èideann is Gallaibh. Chan eil e gu diofar cho fada sa bheir an trèana ma tha thu nad chadail! Bhiodh seo math airson daoine a tha a’ dol gu Inbhir Nis bho mheadhan na h-Alba cuideachd oir chan eil a’ chiad trèana bho Ghlaschu/Dùn Èideann a’ ruigsinn a’ bhaile gu mu 10:30 sa mhadainn.
  • Leasachaidhean aig Ceann-rèile Georgemas. Tha loidhneachan gu Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa a’ sgaradh aig Georgemas Junction agus aig an am seo, bidh trèanaichean a’ dol Inbhir Nis-Georgemas-Inbhir Theòrsa-Georgemas-Inbhir Ùige. Tha moladh ann gus còrd goirid a thogail gus an gabh Georgemas a’ seachadh le trèanaichean air an t-slighe gu Inbhir Theòrsa. An uair sin, bhiodh an trèana a’ dol Inbhir Nis-Inbhir Theòrsa-Georgemas-Inbhir Ùige agus shàbhaladh seo mu 5 mionaidean.
  • Seirbheis ionadail eadar Inbhir Theòrsa is Inbhir Ùige. Bhiodh seo na bu luaithe na am bus. B’ àbhaist stèiseanan a bhith ann eadar an dà bhaile agus dh’fhaodadh gun gabhadh cuid aca fhoillseachadh as ùr.
  • Barrachd lùban seachnaidh.

Tha mi an dùil is an dòchas gun tèid cuid de na leasachaidhean seo a dhèanamh latha de na làithean agus gun tig piseach air cor na loidhne sgoinneil seo.

Tha mi gu math dèidheil air an loidhne agus fhuair mi tiocaidean saora airson a dhol ann air 4 Cèitean – latha taghadh na Comhairle – b’ urrainn dhomh a dhol air turas rèile mòr an t-saoghail agus a h-uile rud mun taghadh a sheachnadh aig an aon àm! (Ach na gabh dragh – bhòt mi tron phuist!)

Tha Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath dìreach àlainn. Nam bheachd, tha e a cheart cho math ri Loidhne na Gàidhealtachd an Iar is loidhne a’ Chaoil. Chì thu a’ mhuir air costa Siorrachd Rois agus na bailtean snoga uile air an t-slighe. Chan eil na beanntainn cho mòr is cho biorach ris an fheadhainn a chì thu air taobh an iar na Gàidhealtachd ach tha iad a cheart cho bòidheach. Aig ceann a tuath na loidhne, tha thu a’ dol tro dhùthaich nam boglaichean – Am Flow Country mus ruig thu na meatropolasan Inbhir Theòrsa is Inbhir Ùige!

Bha mi airson an turas a dhèanamh eadar Glaschu is Inbhir Theòrsa is air ais ann an aon latha oir bha agam ri bhith air ais san oifis an ath latha. Mar sin, cha robh ach dà uair a thìde gu bhith agam ann an Inbhir Theòrsa – tìde gu leòr airson a dhol dhan traigh, airson biadh a ghabhail agus airson a dhol do na bùithtean.

Mar a bha cùisean, ge-tà, bha an trèana mu lethuair a thìde air dheireadh. Bha dàil air a bhith air na trèanaichean na bu thràithe air an latha agus bha againn ri fuireach ùine mhòr gus am faigheadh sinn seachad air trèana a’ tighinn gu deas.

Air an adhbhar seo, bha mi ann an cabhag ann an Inbhir Theòra.

‘S e a’ chiad rud a’ mhothaich mi ann an Inbhir Theòrsa gun robh tòrr soidhnichean Gàidhlig air a dhol suas sa bhaile bho bha mi ann mu dheireadh. Tha na faux-Lochlannaich a tha daonnan a’ gearan mun Ghàidhlig air a bhith ag ràdh fad fichead bliadhna mu mar a thathar a’ sparradh na Gàidhlig orra ach nuair a chaidh mi ann an tòiseach mu còig bliadhna air ais, chan fhaca mi soidhne Gàidhlig sam bith. Fiù’s bliadhna gu leth air ais an turas mu dheireadh a bha mi ann, ’s e glè bheag de Ghàidhlig a chunnaic mi.

An turas seo, tha mi toilichte aithris, bha Gàidhlig air feadh an àite – mu dheireadh thall!

Bha deagh uair gu leth agam ann an Inbhir Theòrsa. Ghabh mi biadh, chaidh mi gu bùth leabhraichean (far an do lorg mi leabhar mu rathad-iarainn Ratharsair!), chaidh mi dhan tràigh agus an uair sin, chaidh mi air ais dhan stèisean!

Chunnaic mi na duilgheadasan aig an loidhne air an t-slighe air ais cuideachd. Thuirt stiùireadair na trèana “You’re going to Glasgow? You’ll be lucky! This train is always late”.

Agus cha robh e ceàrr. Bha sinn 20 mìonaid air dheireadh agus chaill mi an trèana mu dheireadh gu deas. Gu fortanach, ge-tà, bha an cadalaiche fhathast ann – an Caledonian Sleeper – agus chuir ScotRail cùisean air dòigh gus am faighinn an cadalaiche gu Peairt agus an uair sin tagsi gu Glaschu. An àite a bhith dhachaidh ro mheadhan oidhche, ràinig mi an taigh aig leth-uair as dèidh uair!

Chan eil mi a’ gearan oir ’s e deagh adventure a bh’ ann ach cha bhithinn toilichte nan tachradh sin a h-uile turas a bha mi a’ dol air an loidhne!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 Responses to The Midnight Train to Georgemas – smaointean air loidhne a’ Chinn a Tuath #gàidhlig

  1. Thuirt Droigheann:

    Carson a tha “faux-Lochlannaich” orra agaibh? Nach eil e comasach gu bheil cuid dhiubh dìreach a’ faireachdainn mu dheidhinn dualchais Lochlannaich na sgìre na tha sinne a’ faireachdainn mu dheidhinn dualchas Gàidhlig?

    'S toil

  2. Tha thu ceart. Tha an dualchas Lochlannach cudromach agus cha robh mi ag iarraidh cur sìos air sin. Ma tha daoine airson dualchas Lochlannach a chomharrrachadh agus a chur air adhart, tha mi toilichte le sin. ‘S e an rud a tha a’ cur orm gum bi cuid ann an Gallaibh aig nach eil ùidh sam bith an da-rìribh sa chultar Lochlannach ga chleachdadh mar leisgeul airson cur an aghaidh na Gàidhlig.

    Bha mi a’ smaoineachadh air na comhairlichean a tha a’ cleachdadh dualchas Lochlannach mar leisgeul airson cur an aghaidh na Gàidhlig. Mar as trice, bha na daoine seo a’ cumail a-mach nach robh Gàidhlig riamh ga bruidhinn ann ann Gallaibh ged a tha tòrr mòr fianais ann gun robh i ga bruidhinn fad is farsaing ann (ainmean-àite, cunntas-sluaigh, Linguistic Survey of Scotland 7c 7c). Agus tha iad a’ smaoineachadh nach urrainn dualchas Gàidhlig is Lochlannach a bhith ann aig an aon àm – ged a tha Leòdhas na dheagh eisimpleir nach eil sin fior!

    Bidh an aon rud a’ tachairt le Scots gu tric. Ann am Moireibh no Siorrachd Obar Dheathain, mar eismpleir, far an robh an dà chùid Gàidhlig agus Scots cudromach gu h-eachdraidheil, cluinnidh tu cuid ag ràdh “’s e sgìre Scots a tha seo, is mar sin bu chòir dhuinn a bhith a’ brosnachadh Scots seach Gàidhlig” gach turas a tha iomairtean a’ dol air adhart airson na Gàidhlig. Ach nan cànadh tu ris na h-aon daoine “bu toil leam iomairtean fhaicinn airson na Scots san sgìre” gun iomradh sam bith a thoirt air a’ Ghàidhlig, bhiodh iad fada an aghaidh rud sam bith a dhèanamh airson na Scots cuideachd!

    Sin na bha mi a’ ciallachadh. Tha mi airson’s gum bi cultar Lochlannach is Scots na sgìre – agus cultar gach sgìre ann an Alba – follaiseach ach chan eil mi airson’s gum bi ioma-chultarachd air a chleachdadh mar argamaid an aghaidh na Gàidhlig an àite argamaid air a son.

    Bha mi a-mach air a’ Ghàidhlig ann an Gallaibh roimhe beagan bliadhnaichean air ais an seo: https://treanaichean.wordpress.com/2012/03/28/gaidhlig-ann-an-inbhir-theorsa-na-greine-gaidhlig-gaelic-gallaibh/

    Liked by 1 duine

  3. Thuirt Droigheann:

    Tapadh leat airson a’ mhìneachaidh, tha mi gad thuigsinn a-nis, agus tha thu ceart. Mar a sgrìobh am faclairiche Angus Watson (bha e a-mach air Gàidhlig is Scots), “It would surely be more productive to concentrate on what should unite us rather than the mostly illusory an irrelevant things that appear to divide us.”

    'S toil

  4. Pingback: Bho Aachen gu Inbhir Theòrsa – Lèirmheas na Bliadhna #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s