B’ e an t-àm a b’ fheàrr a bh’ ann, b’ e an t-àm a bu mhios a bh’ ann, mar a thuirt Charles Dickens.
Cuine?
1967.
Dh’ainmich na seann Ghàidheil bliadhnaichean a rèir na thachair annta. Mar sin, bha Bliadhna Theàrlaich ann (1745) agus a’ Bhliadhna a’ ghais am buntàta (1845/6). Nam biodh an traidisean sin air leantainn, ’s e Bliadhna Hendrix a bhiodh ann an 1967 gun teagamh sam bith.

Jimi Hendrix
Thòisich ceòl roc cruaidh/meatailt throm air a’ bhliadhna sin nuair a thàinig a’ chiad clàr aig an Jimi Hendrix Experience: Are You Experienced a-mach. Dh’atharraich e ceòl giotàir agus dh’atharraich e an saoghal air fad. Thàinig iomadh clàr sgoinneil eile a-mach air a’ bhliadhna sin cuideachd, gu sònraichte a’ chiad chlàr aig na Doors agus Piper at the Gates of Dawn le Pink Floyd. Ghabh Monterrey Pop àite air a’ bhliadhna sin agus tha am film a rinneadh dheth fhathast sgoinneil.
Cha robh a h-uile rud cho math ann an ‘Samhradh a’ Ghaoil’, ge-tà, gu sònraichte ann an Glaschu. ‘S ann air 27 Cèitean 1967 a chaidh siostam nam busaichean-tràilidh ann an Glaschu a dhùnadh. Chuir a’ chomhairle busaichean slaodach salach an àite nam busaichean-tràilidh dealanach luath uaine. Seo còig bliadhna às dèidh dhaibh cur às do shiostam nan tramaichean ann an co-dhùnadh sgrìosail eile.

Modal de bhusaichean-tràilidh Ghlaschu
50 bliadhna às dèidh an droch latha sin, tha mi gu bhith a’ dèanamh air Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh ann an Doncaster far am bi iad a’ comharrachadh busaichean-tràilidh Ghlaschu agus far am bi fear de na busaichean-tràilidh a’ ruith.
Bha ùidh riamh agam anns na busaichean-tràilidh agus tha mi air a bhith aig an taigh-tasgaidh roimhe, ach seo a’ chiad chothrom agam a dhol air bus-tràilidh à Glaschu.

Bus-tràilidh Bheal Feirste
Tha mi a’ dol innte a-nis oir bidh an trèana agam gu Doncaster a’ falbh aig 06:00 a-màireach!
Alasdair