Beyond the Realms of Death – Turas gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh #gàidhlig

Thòisich an turas agam gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh tràth madainn Disathairne.

Dh’èirich mi aig 4.50m, fhuair mi tagsaidh gu Stèisean Sràid na Banrighinn airson trèana 06:00 gu Dùn Èideann agus ghlac mi trèana 07:00 gu Doncaster ann an Waverley.

Fad na slighe, bha mi ag èisteachd ri ceòl roc bho nan 1960an oir bha latha nan 60an gu bhith aig Taigh-tasgaidh nam busaichean-tràilidh, a’ comharrachadh dùnadh siostam busaichean-tràilidh Ghlaschu ann an 1967. Dh’iarr iad air luchd-tadhal aodach bho na 60an a chur orra agus mar sin, chuir mi lèine-t the Who orm.

34800861751_6cde2b4349_z

Ràinig mi Doncaster  aig 10.00 às dèidh dhomh èisteachd ri tòrr Hendrix, Blue Cheer, Iron Butterfly agus Mountain.

Bha e gu math iomchaidh gun robh mi ag èisteachd ris The End leis na Doors nuair a ràinig mi stèisean nam busaichean ann an Doncaster. Bha e coltach ri deireadh an t-saoghail. Tha e coltach ri ifrinn fhèin – dorcha, fuar (ged is e latha air leth fhèin blàth is grianach a bh’ ann a-muigh), fon talamh agus gu math coltach ris a’ Chumbernauld Centre air ais sna 80an. Is math gun robh riffs meur-chlàr Ray Manzarek ann gus mo dhìon!

DA0u2pKXgAAvN1X (1)

Doncaster Exchange – “Ooh, baby, do you know what that’s worth?
Ooh, ifrinn is a place on earth” 

Ghlac mi am bus gu baile Epworth dachaidh na h-Eaglaise Meathodaich far an robh seann bhus bhon taigh-tasgaidh a’ feitheimh ruinn. Bha fear air a’ bhus bhon taigh-tasgaidh a bha na threòraiche, ag innse dhuinn mun sgìre. Thòisich e ceart gu leòr le fios mu cò na celebs a bha air fuireach san àite (cricketer and reactionary Ian Botham agus  a’ bhana-chleasaiche Sheridan Smith a rèir coltais) agus mu eachdraidh a’ bhaile. An uair sin, ge-tà, dh’fhàs cùisean caran neònach.

“‘S ann as a bhaile seo a bha na bràthairean Wesley a stèidhich Meathodachd (Methodism). Tha grunn eaglaisean sa bhaile seo mar a tha sa h-uile h-àite eile. Meathodaich, Baistich, Clèirich, An t-Eaglais Chaingiseach (Penticostilist) is eile. Ach ged a tha eadar-dhealachaidhean ann, chan e creideamhan eadar-dhealaichte a th’ annta ach seòrsaichean Crìosdaidheachd agus tha iad uile a’ creidsinn an rud as cudromaiche – an rud a chreideas gach Crìosdaidh – gun tèid do shàbhaladh tro chreideas ann an Crìosd a-mhàin”.

Cha mhòr nach tuirt mi “chan eil sin fìor – tha Caitligich den bheachd gu bheil e cudromach a bhith a’ dèanamh deagh obraichean” (good works) cuideachd. Ach bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e caran gòrach nan robh atheist mar mi fhèin a’ feuchainn ri Crìostaidh a chur ceart a thaobh diadhaireachd!

Lean an searmon rud beag na bh’fhaide, agus ged nach deach m’iompachadh, bha e gu math inntinneach:

“Tha e cudromach gum bi creideas againn uile ann an Iosa Crìosd agus tha fear a tha ag obair aig an taigh-tasgaidh aig a bheil deagh fhios air a seo. Cha robh Iosa na chridhe ach an uair sin, chaidh a dhroch leòn ann an tubaist càr, chaidh a thoirt dhan ospadal far an do dhearbh an dotair gun robh e marbh agus sgrìobh an dotair teisteanas bàis air a shon. Goirid às dèidh sin, dhùisg an duine seo sa mharbhlann às dèidh dhan teaghlach aige cluinntinn gun robh e marbh. Bhon uair sin, tha e air creidsinn san Tighearna”.

Abair sgeulachd!

B ‘e sin an dàrna turas a bha mi air smaoineachadh air bàs air an latha sin. Chaidh sinn seachad air cladh ann an Doncaster agus bha bùth-obrach ann a bha a’ dèanamh clachan-uaighe. Bha soidhne mòr sona air uinneag na bùtha le rudeigin mar “Amazing reductions” sgrìobhte air. Dè? “Athair, saoil am bàsaicheadh tu aig deireadh na seachdain – tha sàr bhàrganan ann aig bùth nan clachan-uaighe?”

Gu h-annasach, bha mi ag èisteachd ri Beyond the Realms of Death le Judas Priest aig an àm…..

Ri leantainn….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Sasainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s