They’re Nuking Scunthorpe – thank God! #gàidhlig

Nuair a ràinig mi Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh Disathairne, chaidh mi dhan chafé aca airson srùbag agus cò a chunnaic mi ach Eachann nan Cath!

Seadh! Eachann nan Cath. Bha postair ann airson Camp Coffee le saighdear Gàidhealach air agus thathar ag ràdh gun robh an saighdear air na postairean is canaistearan cofaidh stèidhichte air.

Agus bha barrachd eachdraidh na h-Alba ri tighinn. Às dèidh tiops agus teatha, bha an t-àm ann a dhol air a’ bhus-tràilidh à Glaschu. Bha mi air a bhith a a’ feitheimh ri seo fad mo bheatha agus abair gun do chòrd e rium a dhol air tràilidh às mo bhaile fhèin mu dheireadh thall. Bha e cho sàmhach is cho luath is cho ùr-nodha na choltas is gu bheil e doirbh a chreidsinn gun do chuir Corparaid Ghlaschu às dhaibh agus gun do chuir iad busaichean diesel salach, slaodach seann fhasanta nan àite.

 

Srùbag, tiops is busaichesn-tràilidh! Dè cho cool sa tha sin! #gaidhlig #sandtoft

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 (@alasdairmaccaluim) on

 

Bha mi air tòrr ionnsachadh mun bhaile air an t-slighe gu deas. Leugh mi leabhar air an trèana mu dheidhinn busaichean-tràilidh ann an Glaschu agus bha e air leth inntinneach. Bha an caipsean aig cha mhòr a h-uile dealbh ag ràdh “chan eil na toglaichean seo rim faicinn tuilleadh, chaidh an leagail gus an M8 a thogail” no rudeigin mar sin. ‘S e glè bheag de na h-àiteachan anns an leabhar a bha fhathast ann agus bha e a’ sealltainn gu sònraichte cho beag lèirsinneach sa bha na h-ùghdarrasan ann an Glaschu anns na 60an is 70an. Reub na daoine sin an cridhe a-mach às a’ bhaile le rathaidean-mòra agus tha am baile fhathast a’ fulang gu dona. Tha mi dìreach an dòchas gum bi comhairlichean ùra Comhairle Baile Ghlaschu agus ballrachd ùr an SPT nas ciallaiche.

 

A' tionndadh! Bus-tràilidh Ghlaschu aig Taigh-tasgaidh #sandtoft #gaidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 (@alasdairmaccaluim) on

Bha an aon seòrsa beachd aig tòrr de na saor-thoilich is luchd-tadhail a bha ann air an latha. Bha iad a’ gearan mu droch stàite na còmhdhail poblaich san RA (ach a-mhàin ann an Lunnainn) agus a’ moladh ais-èiridh nam busaichean-tràilidh agus nan tramaichean. ‘S mi a bha ag aontachadh riutha. Bha a h-uile duine ris an do choinnich mi fìor laghach.

Agus am  measg nan daoine a bha an làthair, bha buidheann de dhaoine ann air robh aodach nan 60an gus colas nas authentic a chur air a’ ghnothach!

Nuair a bha mi a’ bruidhinn riutha, nochd sgòth annasach faisg air an àite air an robh coltas “sgòth balgain-buachair”! Thuirt fear aca “They’re nuking Scunthorpe – THANK GOD!”

Bha cothrom agam coinneachadh ri VIP a bha an làthair, Brian Deans, a sgrìobh a’ chiad leabhar mu bhusaichean-tràilidh ann an Glaschu. Cheannaich mi an leabhar aig tòiseach nan 80an nuair a bha mi nam bhalach bheag agus b’ e an leabhar sin a thog m’ ùidh ann am busaichean-tràilidh an toiseach. ‘S e duine uamhasach fhèin laghach a th’ ann agus ’s e urram a bh’ ann coinneachadh ris. Tha e ag obair air leabhar mòr ùr mu na tràilidhean ann an Glaschu agus tha mi a’ dèanamh fiughar ris.

51wJ5KirL1L._SY343_BO1,204,203,200_

‘S e latha àlainn fhèin a bh’ ann, blàth agus grianach ach bha rudeigin a’ faireachdainn ceàrr. An uair sin, bha stoirm ann le fìor droch uisge, tàirneanaich is dealanaich agus thuig mi na bha air a bhith ceàrr – bha e ro ghrinanach! Bha am bus-tràilidh à Glaschu a’ coimhead tòrr na b’fheàrr anns an uisge agus fhuair mi dealbh no dhà den tràilidh san àrainneachd fhliuch nàdarra aca.

Bus-tràilidh Ghlaschu

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 (@alasdairmaccaluim) on

Ri leantainn….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Gàidhlig agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s