Dè an sgioba a tha thu a’ leantainn? Turas gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh 3 #gàidhlig

Bha deagh latha agam aig Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh air 27 Cèitean 2017, 50 bliadhna bho chaidh siostam nam busaichean-tràilidh ann an Glaschu a dhùnadh.

Bha cothrom agam a dhol air bus-tràilidh às a’ bhaile agus gus grunn bhusaichean-tràilidh eile fhaicinn. Nam measg, bha bus-tràilidh à Caerdydd/Cardiff. Bha siostam aca eadar 1942 agus gu 1970 – a’ bhliadhna a rugadh agus a’ bhliadhna a chaochail Jimi Hendrix mar a thachras e!

Bus-tràilidh Chaerdydd

Agus a bharrachd air na busaichean-tràilidh à Alba agus a’ Chuimrigh agus an cruinneachadh mòr de bhusaichean-tràilidh à Sasainn, bha eisimpleiran ann à Sealan Nuadh, à Canada agus às a’ Ghearmailt. Seo na tràilidhean à Wellington, Sealan Nuadh agus Edmonton, Canada.

Nis, ged a chunnaic mi carbadan à iomadh cathair-bhaile, sheall an latha dhomh nach eil cathair baile sam bith coltach ri Glaschu.

Tha mi gu math deidheil air Glaschu ach tha aon rud a tha a’ daonnan a’ cur orm mu dheidhinn. ‘S e sin gum bi daoine daonnan a’ faighneachd dè an sgioba-ball coise sa tha mi a’ leantainn nuair a gheibh iad a-mach gur e fear à Glaschu (uill, fear a Siorrachd Lannraig a Tuath!) a th’ annam.

Dh’fhaighnich fear snog à Hull aig an taigh-tasgaidh “Glaschu? Rangers no Celtic ma-tha?”. Thuirt mi nach robh mi a’ leantainn sgioba ball-coise sam bith agus nach robh ùidh agam ann an spòrs agus bha e toilichte gu leòr leis an fhreagairt sin. Bha deagh chòmhradh againn mu rudan eile.

34912135706_6ecf41d9ff

Air an t-slighe dhachaigh, ge-tà, bha còmhradh eile agam nach robh buileach cho dòigheil air an aon cuspair. Air an trèana dhachaigh, thàinig trìur air bòrd aig a’ Chaisteal Nuadh – athair is mathair a bha lethcheud sa rudeigin agus am mac a bha fichead sa rudeigin. Bha iad à Dùn Èideann agus smùid a’ chofaidh orra uile.

`”Haidh! Is sinne X is Y is Z agus tha sinn à Dùn Èideann. Cò thu is cò às a tha thu?”

” Alasdair. Tha mi à Glaschu”.

“Dè an sgioba a tha thu a’ leantainn ma-thà?”

“Chan eil mi a’ leantainn sgioba sam bith. Chan eil ùidh agam ann am ball-coise”.

“Nan robh thu a’ leantainn ball-coise, dè an sgioba a leanadh tu, ma-tha?”

“Hmm. Tha mi à Siorrachd Lannraig a Tuath is mar sin, is dòcha Clyde no An t-Àrd Ruigh no Albion Rovers no rudeigin mar sin”.

“No! Cha robh sinn a’ ciallachadh sin. Rangers no Celtic?”

“Uill, nam bithinn a’ leantainn ball-coise, rud nach bithinn, cha bhithinn a’ leantainn Rangers no Celtic”.

“But football aside, dè an sgioba a bhiodh tu a’ leantainn?”

“Football aside? Nach e sgiobannan ball-coise a th’ annta?”

“‘S e – ach an e Pròstanach no Caitligeach a th’ annad”.

“Atheist”

“Ach an deach do thogail mar phròstanach no mar chaitligeach?”

“Mar phròstanach”

“OK – a bheil thu a’ leantainn Rangers ma-thà?”

“Chan eil. Cha toil leam Rangers”

“A bheil thu a’ leantainn Celtic ma-thà”.

“Chan eil.”

“OK – cha toil leat Rangers no Celtic ach feumaidh nach eil an aon ìre de ghràin agad air an dà sgioba”.

“Chan eil. Cha toil leam Celtic idir ach tha gràin a’ bhàis agam air Rangers”.

“Ah! Bha fios againn gur e neach-leantainn Celtic a bh’ annad! Hail hail!”

<Osna>

“So an e luchd-leantainn mòra Celtic  a th’ annaibh-se, ma-thà”.

“O, chan e idir. ‘S e luchd-leantainn Hibs a th’ annainn ach ’s e an aon rud a th’ ann, nach e?”

<A’ bualadh mo chinn air a’ bhòrd>

Mas urrainn dhut a h-uile càil a tha ceàrr ann an Alba a chur ann an aon chòmhradh – sin agad an còmhradh!

Thosich iad air òrain ball-coise a sheinn an uair sin agus chuir mi an ipad air gu h-àrd gus èisteachd ri Jimi Hendrix, (1942-1970) agus gus smaoineachadh air busaichean-tràilidh Caerdyyd (1942-1970) agus gu dearbh air rud sam bith eile nach robh co-cheangailte ri Rangers is Celtic!

Carson a tha duine sam bith feumach air ball-coise co-dhiù nuair a tha ceòl roc, trèanaichean, tramaichean is tràilidhean ann??

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Dè an sgioba a tha thu a’ leantainn? Turas gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh 3 #gàidhlig

  1. Thuirt Akerbeltz:

    Hehe bha deasbad mar sin aig Rob le dà bhalach air cùl an taighe turas is e a’ lomadh an fheòir.
    Na balaich: “Hey mister, selorangeas?”
    Rob: “What?”
    Na balaich: “Selorangeas?”
    Rob: “I can’t understand you, speak slowly”
    Na balaich: “Cell-tic or Range-ers?”
    Rob: “Neither”
    Na balaich is iongnadh orra: “Then what?”
    Rob: “York City”

    Abair iongnadh a bha air an dithis ud, teans math nach do chuala iad fiù mun sgioba ud ’nam beatha 🤣

    Liked by 1 duine

  2. Pingback: Bho Aachen gu Inbhir Theòrsa – Lèirmheas na Bliadhna #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s