Eil botal plastaig aig duine sam bith? Turas neo-àbhaisteach air loidhne Canàl Phàislig #gàidhlig

Thòisich an turas agam dhan oifis mar as àbhaist an-dè. Chaidh mi gu stèisean an Dùin Bhric gus trèana 06:48 gu Glaschu Mheadhain a ghlacadh.

Thàinig an trèana agus bha sinn air an t-slighe gu Glaschu agus bha a h-uile rud a’ dol mar as còir, gus an do stad sinn faisg air ceann-rèile Shields. Às dèidh beagan mhìonaidean, thuirt an draibhear air an intercom gun robh na uèirichean dealain sìos agus gum biodh sinn ann airson grèis mhòir.

Gu fòrtanach, tha superpower agam – is urrainn dhomh cadail ann an àite sam bith aig àm sam bith. Mar a chanas Jack Reacher – “sleep when you can, eat when you can”.

Bha sinn ann cha mhòr dà uair a thìde agus bha deagh chadal agam. Chaidh mo dhùsgadh aon turas nuair a chaidh neach nan tiocaidean tron trèana a’ faighneachd “a bheil botal plastaig falamh aig duine sam bith?” Feumaidh gun robh cuideigin feumach air dileag!

Mu dheireadh, thàinig trèana eile air an loidhne ri ar taobh agus chaidh ar ’dì-threanachadh’ – chuir iad àradh sìos bhon trèana againn, choisich sinn ri taobh an trac agus bha àradh eile ann dhan trèana eile. Abair adventure!

Cha do ràinig mi an oifis gu 11m ach abair spòrs a bh’ agam!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, treanaichean agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s