Chaidh mi air an rathad-iarainn mu dheireadh ann an Alba aig toiseach an Lùnastail 2017 – Rathad-iarainn Bhaile Chè is Bhaile nan Dubhach no the Keith and Dufftown Railway.

Spirit of Banffshire, Stèisean Keith Town
B’ e seo an loidhne mu dheireadh ann am pròiseact a thòisich mi bho chionn beagan is còig bliadhna airson a dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba – bho Bhearaig gu Inbhir Theòrsa, bho Obar Dheathain gu Malaig agus gus bloga a sgrìobhadh: Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean.
Cha robh mi dìreach airson loidhnichean san lìonra nàiseanta a dhèanamh ach gach loidhne prìobhaideach no glèidhte, agus gach meatro. Bha seo a’ gabhail a-steach gach gèidse cuideachd – bho ghèidse-leathann air Rathad-iarainn a’ Chàrn Ghuirm agus gèidse-choitcheann air an lìonra nàiseanta gu caol-ghèidse mar Rathad-iarainn Leadhills is Wanlockhead agus fiù’s trèanaichean meanbh-ghèidse bmar Rathad-iarainn Eileanan Nis. Thug seo ùine mhòr oir tha tòrr de na loidhnichean glèidhte is loidhnichean beaga fosgailte aig an deireadh sheachdain no às t-samhraidh a-mhàin agus tha cuid aca mar rathad-iarainn Àfard ann an Siorrachd Obar Dheathain gu math doirbh a ruighinn air còmhdhail phoblach,
Thòisich an turas mu dheireadh agam air 4 Lùnastal 2017 aig 06:30 sa mhadainn ann an Cair Ail ann am Fìobh . ‘S e turas taobh a-staigh turais eile a bha gu bhith ann – gu math post-modern – oir bha sinn air saor-làithean aig an àm. Dhùisg mi mo nighean Ciorstaidh, a bha caran shell-shocked mun ghnothach, agus rinn sinn air stad a’ bhus gus an 95 – an Coastliner – gu Cill Rìmhinn a ghlacadh.

Ciorstaidh a’ cur stad air a’ bhus
Nam biomaid air an turas seo a dhèanamh ann an 1965, cha bhiodh feum againn air bus idir. B’ urrainn dhuinn a bhith air an trèana a ghlacadh fad na slighe. Taing Beeching! A-mach às na slighean bus uile ann an Alba, ge-tà, feumaidh gu bheil an 95 eadar Inbhir Lìobhann agus Cill Rìmhinn air aon den fheadhainn as àlainne. Tha an rathad an cois a’ chosta airson tòrr den t-slighe agus tha seallaidhean air leth rim faicinn de na bailtean beaga agus den mhuir bhon bhus dà-ùrlair.
Às dèidh dhuinn bus eile fhaighinn ann an Cill Rìmhinn dhan stèisean ann an Leucharas, fhuair sinn an trèana gu tuath. Bha againn ri trèana eile fhaighinn ann an Obar Dheathain agus a chionn ’s nach robh Ciorstaidh air a bhith anns a’ bhaile riamh roimhe bha mi a’ smaoineachadh gum biodh ùidh aice ann – ach bha i cho trang le Diary of a Wimpy Kid is gun robh i gu math coma mun chùis!

Stèiseisan Luacharais (‘Leuchars for St Andrews’) LEU
‘S e rathad-iarainn ghlèidhte a th’ ann am Baile Chè is Baile nan Dubhach – an loidhne ghlèidhte as fhaide a tuath ann an Alba. Chaidh a dhùnadh do luchd-siubhail anns na 1960an (taing a-rithist Beeching!) agus do bhathar ann an 1991. Chaidh an loidhne fhosgladh as ùr le saor-thoilich ann an 2000 mar loidhne ghlèidhte.
Tha e gu math neo-àbhaisteach am measg nan rathaidean-iarainn prìobhaideach. Gu tric, tha loidhnichean glèidhte pìos air falbh bho stèisean rèile no còmhdhail phoblach sam bith. Agus mar as trice, tha iad gu math goirid, a’ tòiseachadh ann an achadh nach eil faisg air àite sam bith agus a’ tighinn gu crìch ann an achadh eile nach eil faisg air àite sam bith nas motha. Dh’fheumadh tu a bhith craicte, anabarrach dèidheil air trèanaichean no an dà chuid airson a dhol ann.
Chan eil seo idir fìor a thaobh loidhne Bhaile Chè. Tha e ann am meadhan a’ bhaile agus còig mionaid air falbh air chois bho stèisean Bhaile Chè air an lìonra nàiseanta. Tha i 11 mìle a dh’fhaide – nas fhaide na loidhne glèidhte sam bith eile ann an Alba agus eu-coltach ri iomadh loidhne ghlèidhte, tha coltas glan, sgiobalta air an àite le trèanaichean agus toglaichean ann an deagh staid agus gun tòrr mòr seann uidheamachd is carbadan a tha tuiteam às a’ chèile air am fàgail air feadh an àite mar a chithear ro thric ann an saoghal nan rathad-iarainn.
‘S e Loidhne an Uisge-beatha a far ainm agus tha e follaiseach carson. Bhiodh i uair a’ giùlan uisge-beatha gu deas agus tha iomadh taigh-staile ri fhaicinn ri taobh na loidhne, bho Shrath Ìle ann am Baile Chè gu Gleann Fidhich ann am Baile nan Dubhach le tòrr eile eadarra. Tha fàileadh an uisge-beatha gu math làidir faisg air na taighean-staile.

Taigh-staile Shrath Ìle, Baile Chè
Canaidh cuid nach robh Gàidhlig riamh ga bruidhinn ann an ear-thuath na h-Alba ann an sgìrean mar Bhanbh. Tha fhios againn uile a tha a’ leughadh seo nach eil sin idir fìor ach chuir e iongnadh orm dìreach cho fìor Ghàidhealach sa tha na h-ainmean air an loidhne: eadar Baile Chè agus Baile nan Dubhach, tha stèiseanan Auchindachy, Towiemore agus Drummuir.
Tha an loidhne a’ ruith tro achaidhean uaine àlainn agus tha tòrr ri fhaicinn, bho dhachaigh do sheann àsalan, tuathanasan, taighean-stàile agus pàirce le loch air a bheil an t-ainm mac-meanmnach Loch Park!
Stad an trèana letheach slighe gus am b’ urrainn dhan dràibhear tighinn a-mach le deamhas na làimh gus preas a bhearradh gus nach biodh e a’ bualadh air trèanaichean tuilleadh. Bhiodh e feumail nan dèanadh dràibhearan ScotRail sin air loidhne na Gàidhealtachd a Tuath gu Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa cuideachd uaireigin.
Aig ceann na loidhne, fhuair sinn a-mach gun robh stèisean Baile nan Dubhach mìle no dhà air falbh bhon bhaile fhèin is mar sin, fhuair sinn srùbag ann an cafè snog ann an seann choidsichean far an do chuir cat an stèisein – piseag leth-shùileach trì casach – fàilte bhlàth oirnn.
Aig deireadh an turais, bha mi a’ faireachdainn caran duilich gun robh mo phròiseact deiseil. An uair sin, ge-tà, nochd shunter beag gorm aig an àrd-ùrlar le soidhne ‘Dràibh mi air £10′ air. Cha b’ e ruith ach leum dhuinn an t-einnsein beag snog a dhràibheadh agus ’s e deagh chrìoch a bh’ ann dhan turas mhòr agam.
Dè a-nis? Gach meatro/trama ann an Alba is Sasainn? Gach rathad-iarainn ann an Èirinn? Gach rathad-iarainn sa Chuimrigh! Beachd sam bith agaibh?
Alasdair
Air m’ ipad: The Toy Dolls live (punc sgoinneil le faclan gu math leanabail ach le giotàr fìor mhath! 8/10)
An leabhar agam: Small island by little train, a narrow-gauge adventure le Chris Arnot – leabhar sgoinneil eile bho Leabharlannan Ghlaschu!
Faclair:
Cair Ail – Crail, Luacharas – Leuchars, Inbhir Lìobhann – Leven, Àfard – Alford
Gèidse – gauge. Gèidse choitcheann – standard gauge, gèidse leathann – broad gauge, caol-ghèidse – narrow gauge, meabh-ghèidse – miniature gauge.
Éireann a bhiodh gu math inntinneach, cha chluinnear ach beag mu-dhéidhinn nan rathad-iarainn thall an siud.
'S toil'S toil
Tha thu glè cheart! Bidh mi thall an Èirinn air am ath-mhìos agus bidh mii a’ dol eadar Doire agus Beal Feirste air an trèana agus an uair sin, bidh mi air lìonra Northern Ireland Railways air fad a dhèanamh! Yay!
'S toil'S toil
Pingback: Bho Aachen gu Inbhir Theòrsa – Lèirmheas na Bliadhna #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean