Sàbhail Stèisean Stoneybridge! #gàidhlig

A bheil cuimhne agaibh air an t-sreath comedy Absolutely a bha air an TBh aig deireadh nan 80an is tòiseach nan 90an?

Ma tha, bidh deagh chuimhne agad air Stoneybridge – Stooooooneybridge!

An robh fhios agad gun deach Stoneybridge a chlàradh ann am baile beag ann an Lodainn an Iar air a bheil Brìch (Breich sa Bheurla)?

Carson a tha mi a-mach air seo air bloga mu rathaidean-iarainn?

Tha stèisean ann am Brìch ach tha an stèisean sin ann an cunnart aig an àm seo. Cha bhi ach aon trèana a’ stad ann gach taobh gach latha agus chan eil pàirce-chàraichean ann. Air an adhbhar  seo, cha bhi cus dhaoine ga chleachdadh – dìreach 138 an-uiridh.

Thathar a’ dealanachadh na loidhne an-dràsta agus bidh feum air drochaid ùr nuair a thèid na uèirichean a chur suas. Tha Network Rail airson an stèisean a dhùnadh gus nach bi aca ri pàigheadh airson drochaid ùr.

Tha obair cho-chomhairle a’ dol air adhart an-dràsta.

Tha mi air freagairt a chur a-steach, ag ràdh gum bu chòir an stèisean a chumail agus a leasachadh.

Bu chòir an stèisean a chumail fosgailte airson iomadh diofar adhbhar ach is e an t-adhbhar as cudromaiche gun rachadh na Geumaichean Oilimpigeach a thoirt do na Yetts O’ Muckart a-rithist mur a h-eil deagh ghoireasan còmhdail ann am Brìch!

Seo mo fhreagairt:

A chàirdean,

Co-chomhairle mu dhùnadh Stèiseacn Bhrìch, Lodainn an Iar

Is e seo mo fhreagairt dhan cho-chomhairle gu h-àrd.

Tha mi den bheachd nach bu chòir Stèisean Brìch a dhùnadh. Bu chòir an stèisean a chumail fosgailte agus a leasachadh.

Tha mi den bheachd seo airson nan adhbharan a leanas:

  • Chan eil Network Rail a’ toirt cothrom na fèinne dhan stèisean aig an àm seo. Ann an suidheachadh far nach eil ach aon trèana gach taobh gach latha, is beag an t-iongnadh nach eil barrachd dhaoine ga chleachdadh. Bu chòir ScotRail barrachd thrèanaichean a stad ann.
  • Chan eil pàirce-chàraichean ann. Nan togadh Network Rail seo, chleachdadh barrrachd dhaoine e. Bu chòir Network Rail an stèisean ath-nuadhachadh agus goireasan ‘Pàirc is Falbh’ a stèidheachadh ann.
  • Nan rachadh an stèisean seo a dhùnadh, bhiodh e a’ stèidheachadh ro-shampall airson a bhith a’ dùnadh stèiseanan beaga eile, rud nach bu chòir tachairt idir.

Tha mi an dòchas gum bi na beachdan seo feumail.

Is mise le meas mòr,

 

Alasdair MacCaluim

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Iomairtean, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

One Response to Sàbhail Stèisean Stoneybridge! #gàidhlig

  1. Pingback: Dreich ann am Breich! #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s