Sàbhail Cinderella! Taigh-tasgaidh nan Trèanaichean Dealanach #gàidhlig

Tha a h-uile duine air cluinntinn mu thrèanaichean ainmeil mar Mallard is am Flying Scotsman agus tha a’ mhòr-chuid de dhaoine gu math dèidheil air trèanaichean smùid.

Tha trèanaichean dìosal gu leòr a tha ainmeil cuideachd, leithid nan Deltics, agus tha tòrr locothan dìosail air an glèidheadh air rathadean-iarainn prìobhaideach air feadh na dùthcha.

‘S e glè bheag de thrèanaichean dealanach a tha air an glèidheadh no a tha ainmeil, ge-ta agus is iad Cinderellathan saoghail nan rathad-iarainn. Bidh na mileanan mòra a’ cleachdadh ionadan dealanach (EMUs – Electric Multiple Units) gach latha airson a dhol dhan oifis ach chan eil daoine a cheart cho deidheil orra sa tha iad air trèanaichean smùid no dìosail. A bharrachd air seo, chan eil e furasta an glèidheadh oir cha ghabh an cleachdadh air rathaidean-iarainn prìobhaideach oir chan eil gin aca air an dealanachadh (electrified).

Tha mise gu math dèidheil air trèanaichean dealanach, ge-ta.

Nuair a bha mi òg, bha mi uabhasach deidheil air an leabhar seo:

Bha e loma-làn dealbhan de dhiofar sheòrsaichean trèana dealanach air feadh na RA, a’ sealltainn thrèanaichean a bha fìor chudromach ach nach robh uabhasach cliùiteach is aithnichte.

Tha tòrr de na trèanaichean a tha a’ nochdadh san leabhar air an glèidheadh ann an Taigh-tasgaidh nan Trèanaichean Dealanach ann an Coventry, an t-aon àite far am faic thu deagh chruinneachadh de thrèanaichean dealanach.

 

Gu mì-fhortanach, ge-tà, tha an Taigh-tasgaidh gu bhith a’ dùnadh anns an Dàmhair agus tha cunnart ann gun tèid cuid de na trèanaichean a scrapadh mur a tèid airgead gu leòr a thogail gus dachaigh ùr a lorg dhaibh.

Ged a tha an taigh-tasgaidh air a bhith gu math soirbheachail agus ged a tha e air a bhith air an làraich fad iomadh bliadhna, tha a’ chomhairle a’ dol a reic na talamhainn air a bheil e airson ‘leasachadh’ agus cha d’fhuair an taigh-tasgaidh ach rabhadh gu math goirid.

Tha mi a’ dol a dhol ann air an ath-mhios gus na trèanaichean fhaicinn air eagal ’s nach bi cothrom am faicinn a-rithist!

Ma tha thu ag iarraidh cuideachadh gus cruinneachadh nan trèanaichean dealanach a dhìon agus gus an cumail còmhla, tha athchuinge ann, ag iarraidh air Comhairle Coventry gus cuideachadh le bhith a’ faighinn làrach ùr dhan taigh-tasgaidh.

No ma tha thu airson beagan airgid a thoirt seachad, tha iomairt maoineachadh sluaigh ann gus pàigheadh airson a bhith a’ gluasad nan trèanaichean gu làraichean eile.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s