Air mo chur gu Coventry! Turas gu Taigh-tasgaidh nan Trèanaichean Dealanach #gàidhlig

Tha Taigh-tasgaidh nan Trèanaichean Dealanach ann an Coventry gu bhith a’ dùnadh san Dàmhair agus mar sin, chaidh mi ann an t-seachdain sa chaidh gus sùil a thoirt air.

6d4eece6-4693-41f9-8cd5-a94cee1bafd9

Coventry: Cathair eaglais, Taigh-tasgaidh na Còmdhail, ‘Seann’ bhus

Às dèidh tighinn far trèana 05.50 à Glaschu, choisich mi a-steach gu meadhan a’ bhaile bhon stèisean. Cha robh Coventry idir mar a bha mi an dùil. Bha fhios agam gun deach am baile eachdraidheil a sgrios le bomadh sa Chogadh agus gun deach ath-thogail. Mar sin, bha mi an dùil gum biodh meadhan a’ bhaile coltach ri Comar nan Allt no àiteachan mar sin, loma làn toglaichean grannda agus air a dhealbhadh airson chàraichean seach airson nan daoine.

Chan ann mar sin a bha meadhan a’ bhaile idir. Bha na rathaidean agus an trafaig sgaraichte bho chèile agus bha e sgoinneil a bhith a’ coiseachd ann an àiteachan poblach far nach robh càraichean air feadh an àite.

‘S e Latha nan Dorsan fosgailte a bh’ ann ann an Coventry air an deireadh sheachdain sin agus mar sin, bha grunn thoglaichean fosgailte dhan t-sluagh agus tòrr rudan eile a’ dol. Bha càraichean clasaig ann am meadhan a’ bhaile mar phàirt de seo.

Càraichean clasaig ann an Coventry airson latha nan dorsan fosgailte #gaidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 (@alasdairmaccaluim) on

Bha bus ‘antique’ ann gus daoine a thoirt do na diofar àiteachan agus tachartasan. Chuir e iongnadh mòr orm faicinn gun deach am bus a thogail ann an 1974 – an aon bhliadhna sa rugadh mi fhèin – agus chan eil mi cho antique sin, tapadh leat!

Bha cothrom agam sùil a thoirt air Taigh-tasgaidh na Còmhdhail a tha a’ toirt sùil air eachdraidh gnìomhachas nan càraichean sa bhaile agus an uair sin, chaidh sinn air a’ bhus.

Rinn sinn air cearcall-rathad a’ bhaile (a tha car coltach ri rathaidean Chomar nan Allt, feumar aiteachadh) agus ann am mionaid no dhà, bha sinn a-mach air an dùthaich. Mar as àbhaist, mar Albannach, chuir e iongnadh orm cho fìor  chòmhnard sa tha meadhan Shasainn! Cha robh ann ach achaidhean còmhnard cho fad’s a chitheadh tu.

Chaidh sinn dhan taigh-tasgaidh air a' bhus 'antique' seo – sin na thuirt iad ach tha e an aon aois riumsa! #gaidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 (@alasdairmaccaluim) on

Nis, tha dà sheòrsa taigh-tasgaidh rèile ann – (1) taighean-tasgaidh mòra spaideil mar Taigh-tasgaidh nan Rathad-iarainn ann an York, mar eisimpleir, agus (2) trèanaichean meirgeach ann an achadh.

Seo an dàrna seòrsa taigh-tasgaidh! Air a thogail air seann ionad òtrachais, far nach robh rathad-iarainn ann gu h-eachdraidheil, tha cruinneachadh ann de sheann ionadail rèile dealanach agus cuideachadh, loidhne ghoirid le togalach stèisein is bogsa siognail.

193b94e7-fec8-4285-b20b-076239b999a3

Cuid de na seallaidhean a chithear aig Taigh-tasgaidh nan Rathaidean-iarainn Dealanach

Mar a dh’aithris mi sa bloga roimhe, bha mi uamhasach dèidheil air leabhar air a bheil British Electric Trains in Camera bho thoiseach nan 1980an nuair a bha mi òg.

Tha tòrr de na trèanaichean bhon leabhar sin air an glèidheadh san taigh-tasgaidh agus seo beagan dealbhan de na trèanaichean nuair a bha iad a’ ruith agus mar a tha iad san taigh-tasgaidh.

d301c2b6-f947-4ab5-9831-ffa1f72e9a3d

4-SUB (No Clas 405) – BR Roinn Southern

d8de10eb-ca2d-4a9b-86ad-aaaacdfaa362

 BR Clas 503 – bho Merseyside

924ea4bf-eb8b-40bd-82c0-a931d1105fbc

Na tha air fhàgail de dh’aonad 506 à Loidhne Glossop

ef609ab6-6118-4ebd-85fc-261224dfa659

Clas 501 – ann an Stèisean Broad Street nach maireann, gu h-àrd. Tha an loidhne seo air an London Overground a-nis

Chòrd e rium glan na trèanaichean seo fhaicinn san fheòil, mar gum biodh.

Bha trèanaichean a’ ruith san stèisean beag aca cuideachd.

dscn6767

Tha na saor-thoilich an seo air tòrr mòr obrach a dhèanamh gus na trèanaichean seo – trèanaichean nach eil idir cho sexy ris an Flying Scotsman no Mallard no Stephenson’s Rocket no a lèithid – a shàbhaladh is a sgeadachadh.

Tha an taigh-tasgaidh gu bhith a’ dùnadh a chionn ’s gu bheil a’ chomhairle airson an talamh air a bheil an taigh-tasgaidh a reic airson ‘leasachadh’ is mar sin, tha na trèanaichean uile ann an cunnart.

Tha an taigh-tasgaidh a’ sireadh dachaigh ùr agus gus seo a dhèanamh, tha iad air athchuinge is duilleag Crowdfunding a chur air dòigh.

Ma tha thu airson an taigh-tasgaidh fhaicinn mus dùin e, tha an latha fosgailte mu dheireadh aca gu bhith ann air Didòmhnaich 8 Dàmhair.

Alasdair

Air m’ ipad: Toy Dolls – Absolutely Live (2004), The Scorpions – Animal Magnetism (1980), Stiff Little Fingers – Rockers Live (2016).

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean, England, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s