An Mhuc Dhubh #gaidhlig 

Tha mi a’ dol a dh’Èireann a-màireach airson cùrsa Gaeilge do luchd na Gàidhlig ann an Tír Chonaill. Fhad’s a bhios mi ann, tha mi an dòchas barrachd ionnsachadh mun Mhuic Dhuibh.

Chan e beathach a bh’ anns a’ Mhuic Dhuibh idir ach rathad-iarainn – lionra de loidhnichean caol-ghèidse. Bha an lìonra seo gu math mòr uair mar a chithear sa mhapa seo.


Chaidh na loidhnichean uile a dhùnadh mu 60 bliadna air ais ach tha Iarnród Bhaile na Finne air mu 3m den rathad-iarainn ath-fhosgladh agus tha taigh-tasgaidh rèile ann am Baile Dhún na nGall cuideachd.


Bidh mi a’ dol ann air a’ phlèana (nàire mhòr orm!) ach bidh mi a’ dol air ais air a’ bhus gu Doire agus an uair ain air an trèana bho Dhoire gu Beál Feirste.

Tha mi a-nis air a bhith air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba ach às dèidh seo, bidh mi air an lìonra air fad aig Northern Ireland Railways a dhèanamh cuideachd.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s