‘S e an dà chuid deagh latha agus droch latha a bh’ anns a’ chiad latha den Fhaoilleach 1947.
B’ e an deagh naidheachd gun d’rugadh m’ athair, Bill McCallum nach maireann air an latha sin.
B’ e an droch naidheachd gun do dhùin rathad-iarainn ainmeil ann an Èirinn air an latha sin. B’ e sin an loidhne eadar Leitir Ceanainn (Letterkenny) agus Gaoth Dobhair ann an Contae Dhún na nGall a bha na phàirt den lìonra aig an Londonderry and Lough Swilly Railway.
Chan eil rathad-iarainn sam bith ann an Tír Chonaill a-nis ach a-mhàin aon loidhne glèidhte (Iarnród Bhaile na Finne) ach bha lìonra gu math mòr ann gu na 40an is 50an mar a chithear sa mhapa gu h-ìosal.

Rathaidean-iarainn Thír Chonaill
Tha mi air turas gu Gaoith Dobhair le Bòrd na Gàidhlig an-dràsta gus Gaeilge ionnsachadh agus gus ionnsachadh mu leasachadh cànain. A-raoir, thug Cormac bho Ghaelturas mi air turas gus coimhead air na bha air fhàgail den rathad-iarainn san sgìre.
Chaidh sinn gu Stáisiún Chaiseal na gCorr (sa Bheurla Cashelnagore) an tòiseach. Tha an stèisean ann an àite gu math iomallach agus an turas mu dheireadh a bha Cormac ann, bha e an t-àite a’ tuiteam às a chèile.
A-nis, ge-tà, tha cuideigin air an togalach a cheannach is thathar ga sgeadachadh mar thaigh an-dràsta. Nam biodh an taigh sinn agam, chuirinn beagan trac sìos agus ruithinn trèana bheag air!
Tha mi air faighinn a-mach bhon uair sin, gu bheil am bàrd ainmeil Cathal Ó Searcaigh air dàn a sgrìobhadh mun stèisean: Anseo ag Stáisiún Chaiseal na gCorr – Do Michael Davitt.

Eadar Caisheal na gCorr is Gaoth Dobhair
An uair sin, lean sinn làrach na loidhne gu Gaoith Dobhair, a bha mar cheann na loidhne eadar 1940 (nuair a dhùin an loidhne air adhart gu Ailt an Chorráin/Burtonport) agus 1947 nuair a dhùin an loidhne.
Cha robh mòran air fhàgail aig stèisean Ghaoth Dobhair fhèin, ach bha deagh shealladh ann de làrach na trac.
Nam biodh an loidhne fhathast fosgailte, bhiodh feum is fèill air, tha fios. Nach biodh e math nan rachadh beagan den loidhne fhosgladh as ùr.
Alasdair