Barrachd sheann rathaidean-iarainn i dTír Chonaill#gàidhlig

Tha mi ann an an Dún na nGall an Èirinn an t-seachdain seo air cùrsa Gaeilge agus fhad’s a tha mi air a bhith a bhos an seo, tha mi air a bhith a’ cumail sùil a-mach airson na tha air fhàgail de sheann rathaidean-iarainn Thír Chonaill.

Chaidh mi gu seann stèiseanan Caiseal na gCòrr is Ghaoth Dobhair an latha roimhe agus an-dè chunnaic mi beagan de làrach an trac faisg air Mín an Lábáin (Churchhill) bho mhullach Charraig an Dúin (Doon Hill). Bha e far a bheil na craobhan san deilbh seo.

img_8859

 

Tha seo eadar Churchhill agus Foxhall air a’ mhapa seo.

img_8701

Chunnaic sinn seo mar phàirt de latha mòr nuair a bha sinn ag ionnsachadh mu dhiofar làraichean le ceangail ri Calum Chille. Seo cuid aca:

Tha mi a’ dol dhachaigh an-diugh, a’ dol air a’ bhus gu Doire – bhithinn air an trèana a ghabhail nan robh i fhathast ann – agus an uair sin air an trèana gu Beal Feirste.

Às dèidh sinn, bidh mi air a h-uile loidhne rèile an dà chuid ann an Alba agus ann an Èirinn a tuath a dhèanamh. Cé an broc!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Eirinn, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s