Dreich ann am Breich! #gàidhlig

Dh’aithris mi an seo bho chionn goirid gu bheil stèisean Bhrìch (Breich) ann an Lodainn an Iar ann an cunnart.

Tha Network Rail a’ beachdachadh air a dhùnadh a chionn ’s nach bi mòran dhaoine ga chleachdadh agus a chionn ’s gum bi drochaid-coise ùr a dhìth air an stèisean nuair a thèid an loidhne a dhealanachadh a dh’aithghearr.

Chuir mi freagairt a-steach dhan cho-chomhairle a’ moladh nach tèid an stèisean a dhùnadh. Chuir Comhairle Lodainn an Iar gu làidir an aghaidh dùnadh an stèisein agus tha athchuinge ann airson a chumail fosgailte cuideachd .

Chan eil fhios agam an tèid a dhùnadh gus nach tèid aig a cheann thall ach gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom agam an stèisean a chleachdadh, chaidh mi ann an-diugh air an t-slighe agam dhan oifis.

Chan eil ach aon trèana ann gach slighe gach latha. An 07:13 eadar Glaschu Mheadhain agus Dùn Èideann taobh Shotts agus trèana aig 6f eadar Dùn Èideann is Glaschu taobh Shotts.

Nis, cha bhi cus dhaoine a’ cleachdadh Stèisean Bhrìch. A rèir Wikipedia, cha do chleachd ach 138 e an-uiridh.  A dh’aindeoin seo, ge-tà, chaidh triùir air bòrd aig Brìch nuair a chaidh mi dheth!

Dè seòrsa stèisein a th’ ann? Ma tha?

Stèisean gu math bunaiteach. Chan eil na h-àrd-ùrlaran concraid – tha clachan orra seach concraid agus tha e follaiseach gu bheil obair ùrachaidh a dhìth air.

Seo an stèisean mar a tha e an-diugh.

Bha mi ann am Brìch aig 08:04 agus gun chothrom agam trèana eile a ghlacadh gu Dùn Èideann – no air ais a Ghlaschu nas motha!

Gu fòrtanach, chan eil stèisean Tobair Adaidh cho fada air falbh is mar sin, choisich mi ann gus an 09:08 a ghlacadh gu Dùn Èideann.

Thuirt Network Rail gun robh stèisean Bhrìch ro fhad air falbh bhon bhaile agus nach biodh daoine ga chleachdadh mar thoradh air seo. Thuirt iad gun robh e mu 15 mionaid air falbh air chois bhon bhaile. Chan eil mi cho luath sin ach cha tug e ach 5 mionaidean aig a chuar as lugha gus meadhan a’ bhaile a ruigsinn.  Chanainn gum biodh fèill mhòr air an stèisean mas e is gum biodh barrachd thrèanaichean a’ stad ann!

Stèisean Tobar Adaidh #addiewell #gàidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 (@alasdairmaccaluim) on

Bha e fliuch is dorcha nuair a choisich mi gu Tobair Adaidh ach chòrd an turas rium glan. Tha mi an dòchas nach e seo an cothrom mu dheireadh a bhios agam a dhol gu Brìch air an trèana….

Stèisean Tobar Adaidh #addiewell #gàidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 (@alasdairmaccaluim) on

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, treanaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Dreich ann am Breich! #gàidhlig

  1. Thuirt drronmccoy:

    Gu math innteanach!!!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s