Blitz-kreik Bop – turas dhan Bhruiseil #gàidhlig

Bha seachdain mhòr agam an t-seachdain sa chaidh. Chaidh mi fhèin is mo dheagh charaid Wilson MacLeòid gu tìr mòr na roinn Eòrpa airson taistealachd.

Chan e taistealachd spioradail a bh’ ann idir ach taistealachd còmhdhail – bha sinn a’ dèanamh air a’ Wuppertaler Schwebebahn, no am Bun-os-cionn Bahn mar a chuir sinn air sa Ghàidhlig. ‘S e a th’ann ach aona-rèile (monorail) crochte.

Wuppertaler Schwebebahn / Bun-os-cionn Bahn Wuppertal / Wuppertal Suspension Railway 🚃 🚝 #gaidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 (@alasdairmaccaluim) on

Tha Wuppertal faisg air a’ chrìch leis a’ Bheilg agus mar sin, chleachd sinn e mar leisgeil airson a dhol dhan Bhruiseil airson coinneachadh ri ar caraid gaisgeil Còrnach Davyth Hicks.

Thòisich a turas le deochag, coiridh agus an uair sin, turas air a’ chadalaiche (no an ‘leabaidh trèana’ mar a th’ aig Eubha bheag agam air) gu Lunnainn. ‘S e an superpower a th’ agam gun urrainn dhomh cadal ann an àite sam bith, uair sam bith agus mar sin, chan eil cus cuimhne agam air an turas!

Bha an trèana leth-uair a thìde air thoiseach is bha cothrom againn stad ann an St. Pancras airson cofaidh.

Mur eil thu air a bhith ann an stèisean St Pancras, bu chòir dhut a dhol ann. Tha e mòr, àlainn agus loma-làn solas na grèine. Tha bùithtean is cafaidhean matha ann agus is fhiach e a dhol ann fiu,s mur a h-eil thu a’ dol air an trèana.

Ach bha sinn a’ dèanamh air trèana, air an Eurostar gu Brussel Zuid/Midi. Tha trèanaichean ùra air an t-slighe agus tha iad gu math spaideil. Tha an turas air a Eurostar gu math mìn agus sàmhach is gu math eadar dhealaichte ris na rathaidean-iarainn àbhaisteach san RA.

Tha trèana cho luath is tha an uiread de thunailean meadhanach fada ann an Kent is nach eil e follaiseach airson greisean nuair a tha thu air a dhol a-steach do Thunail a’ Chaolais. Tha an trèana cho luath cuideachd is nach eil thu anns an tunail fhèin fada.

Cha tug e ach mu 2 uair a thìde eadar Lunnainn agus a’ Bhruiseil agus às dèidh turas tagsaidh goirid, choinnich sinn ri Davyth anns an taigh-òsta againn.

Chaidh sinn an uair sinn air turas timcheall air a’ bhaile a’ coimhead air na rudan abhaisteach so luchd-turais -la Grand Place, Manneken Pis  is mar sin air adhart.

Dh’fheuch sinn biadh an àite agus leann an àite – dèan san Òban a-rèir an Òbain  mar a chanas iad!  Lorg mise leann air leth – kreik – leann na sirise.

Avec Wilson is Davyth sa Bhruiseil #gàidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 (@alasdairmaccaluim) on

Air an oidhche, chuir sinn an saoghal ceart, a’ bruidhinn air mion-chànanan, suidheachadh Chatalunya is eile agus chaidh gu leòr leann sgoinneil Beilgeach òl, kreik gu h-àraid.

Chaidh sinn air ais dhan taigh-òsta an uair sin agus chuir mi an alarm air airson an ath  latha. Gu mì-fhortanach, ge-ta, dh’ fhàs mi troimhe a chèile mun eadar-dhealachadh eadar an uair an Alba agus tìr-mòr na Roinn Eòrpa agus cha robh sgeul orm an ath-mhadainn!

Nuair a nochd mi mu dheireadh thall, chaidh sinn gu taigh Davyth airson bracaist is bha deagh àm againn a’ cluich le a chlann.

Tha Tristan beò-glacte le iron man agus chuir sinn tòrr tide seachad a’ bruidhinn mi chùisean Marvel is DC (bha mi caran air m’ aineoil air na cuspairean seo, feumaidh mi ràdh).

An uair sinn, chaidh sinn dhan choille air an trama. Tha siostam tramaichean – agus meatro – anns a’ Bhruiseil agus chaidh sinn a-mach air an trama 44 gu Tervuren ann an Flannrais. ‘S e turas sgoinneil a bh’ ann oir bha an trama luath agus air a sgaradh bho trafaig airson a’ mhòr-chuid den t-slighe agus air a’ phàirt mu dheireadh den turas, bidh e a’ dol tron choille.

Trama anns a’ Bhruiseil #gaidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 (@alasdairmaccaluim) on

Ri leantainn…

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, tramaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Blitz-kreik Bop – turas dhan Bhruiseil #gàidhlig

  1. Thuirt Marconatrix:

    ‘S dòcha gu’n d’thachair mi air Dhavydh latha de na làithean ach chan eil mi buileach cinnteach. Saoil, dé tha e a’ deanamh ’sa Bhruiseil?

    Liked by 1 duine

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s