Stèisean Bhrìch air a shàbhaladh! #gàidhlig

Deagh naidheachd – tha Humsa Yousaf, Ministear na Còmhdhail air a ràdh nach tèid Stèisean Bhrìch ann an Lodainn an Iar a dhùnadh.

Mhol Network Rail gun rachadh an stèisean a dhùnadh gus airgead a shàbhladh a chionn ’s nach bi mòran ga chleachdadh.

Thuirt an luchd-iomairt gur e droch eisimpleir a bhiodh ann nan rachadh stèisean sam bith a dhùnadh agus nach robh cothrom na fèinne air a bhith aig Stèisean Bhrìch a chionn ’s nach bi ach aon trèana gach taobh, gach latha a’ stad ann.

Chaidh iomairt a chur air dòigh agus bha a’ mhòr mhòr-chuid de na freagairtean airson an stèisean a ghlèidheadh.

Aig a cheann thall, dhiùilt am Ministear comhairle Network Rail a leantainn gus an stèisean a dhùnadh agus tha e a’ moladh gun stad barrachd thrèanaichean ann.

Seo fios naidheachd an Riaghaltais

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s