Càite bheil a’ Chuimrigh?! Turas air a’ Chambrian #gàidhlig

Tha mi air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba a dhèanamh a-nis cho math ris a h-uile rathad-iarainn aig Northern Ireland Railways cuideachd. Dè nì mi a-nis? A’ Chuimrigh wrth gwrs!

37971518164_aa1d974252_z

Clas 175 ‘Cymru-star’ ann an Caer

Tha mi nam fìor Chambrophile agus chan e ruith ach leum dhomh a dhol dhan Chuimrigh gach uile turas a bhios cothrom no leisgeul agam a dhol ann. Trèanaichean beaga, trèanaich mòra, a’ Chuimris, seallaidhean brèagha, baile àlainn Chasnewydd….

Fhuair mi cothrom a dhol air loidhne gu math sònraichte an t-seachdain sa chaidh. B’ e sin loidhne a’ Chambrian eadar Yr Amwythig (no Shrewsbury mar a th’ aig luchd na Beurla air!) agus Aberystwyth.

Bha mi a’ dol ann airson deireadh sheachdain gu math sònraichte – Cànanan Ceilteach sa Chuimrigh. Fhuair mi cuireadh a dhol ann an-ùiridh airson clas Gàidhlig a theagasg agus am-bliadhna bha cùrsa na bu mhotha ann le Gaeilge agus Breatnais cuideachd.

Thòisich an turas agam aig 5.50 sa mhadainn agus tagsaidh gu Stèisean a’ Mheadhain ann an Glaschu, gus mi trèana 06:30 gu Preston a ghlacadh. Chan eil cus cuimhe agam air an turas oir bha mi ri eadar-theangachadh fad na slighe.

Bha agam ri trèana a’ Chambrian a ghlacadh ann an Wolverhampton ach bha an trèana agam air dheireadh. Gu fòrtanach, chaidh an ceangal agam a chumail agus chan fhada gus an robh mi a’ dèanamh air yr Amwythig.

Tha stèisean yr Amythig gu math snog agus tha bogsa siognailean ainmeil ann a tha fìor mhòr is fìor ainmeil. ‘S e ceann-rèile gu math cudromach a th’ ann oir tha e a’ frithealadh loidhne a’ Chambrian (gu Aberystwyth agus Pwllheli), loidhne Crìochan na Cuimrigh (Welsh Marches line) cho math ri loidhne Wolverhampton agus loidhne Chaer/Chester.
Às dèidh greiseag ann an Shrewsbury far an do thionndaidh an trèana, dh’fhalbh sinn air an t-slighe dhan Chuimrigh.

Bha an t-àm ann airson iomairt bheag –

Tha an loidhne eadar taobh tuath is taobh deas na Cuimrigh a’ ruith tro Shasainn. Tha na stèiseanan air an ruith le Arrive Trains Cymru is mar sin tha iad mar phàirt de shiostam rèile na Cuimrigh. Agus ’s e am prìomh ceann-rèile airson ceann a tuath na Cuimrigh a th’ ann an Caer/Chester agus prìomh cheann-rèile airson meadhan na Cuimrigh a th’ anns yr Amwythig. A bharrachd air seo, tha ainm Cuimris air na h-àiteachan seo agus bha Cuimris aig cuid a dhaoine air taobh Shasainn na Crìche gu deireadh na 19mh linn.

Bu toil leam soidhichean fhaicinn air a h-uile stèisean ann an Sasainn air loidhne nan Crìochan/loidhne Chaer/yr Amwythig far a bheil ainm Cuimris ann. Tha seo a’ gabhail a-steach Caer, Gobowen am Croesowallt (Gobowen for Oswestry), yr Amwythig, Llanllieni (Leominster), Llwdlo (Ludlow) agus Henffordd (Hereford).

Tha na h-ainmean Cuimris a’ nochdadh air na clàran-fiosrachaidh dealanach mar-thà, fiù’s air na trèanaichean eadar Caer is Cryw (Chester is Crewe) nach eil a’ dol a-steach dhan Chuimrigh idir is mar sin, chan eil leisgeul sam bith gun an cur air na soidhnichean cuideachd!

Nis, bhon trèana chan eil e follaiseach buileach far a bheil Sasainn a’ tighinn gu crìch is far a bheil a’ Chuimrigh a’ tòiseachadh. Às dèidh dhuinn dhol tron stèisean mu dheireadh, ge-tà, bha mi a’ gabhail iongnadh an robh mi fhathast ann an Sasainn no anns a’ Chuimrigh nuair a dh’atharraich cruth na tìre gu mòr is gu luath bho achaidhean còmhnard gu beanntan agus bha fios agam gun robh mi sa Chuimrigh!

Tha Loidhne a’ Chambrian coltach ri Loidhne na Gàidhealtachd an Iar ann an iomadh dòigh. Ann an Alba, bidh an trèana a’ dealachadh anns a’ Chrìon-làraich leis an dàrna leth a’ dol dhan Òban agus an leth eile dhan Ghearastan/Mallaig. Anns a’ Chuimrigh, bidh an trèana a’ dealachadh ann am Machynlleth leis an dàrna leth a’ dol gu Aberystwyth agus  an leth eile a’ dol air loidhe Costa a’ Chambrian gu Pwllheli.

Tha thu a’ dol tro na beanntan (ged nach eil iad buileach cho àrd), is a’ faicinn choilltean, lochan agus, aig deireadh na loidhne, chì thu a’ mhuir. Agus rud a tha annasach, tha stèisean Aberystwyth caran coltacach ri stèisean Mhallaig cuideachd!

24730673608_a665e12aa5_z

Stèisean Aberystwyth – no Mallaig?

Feumaidh gu bheil tòrr mòr ‘padding’ sa chlàra-ama oir dh’fhàg sinn Wolverhampton mu 10 mìonaid air dheireadh, bha sinn anns yr Amwythig airson greiseag cuideachd agus bha againn ri feitheimh taobh a-muigh Macynlleth fad cairteil na h-uarach is sinn a’ feitheimh ri trèana a’ dol an taobh eile. A dh’aindeoin seo, cha robh sinn ach 5 mionaidean air dheireadh. Ghabhadh seirbheis na bu luaithe a chur air dòigh nan rachadh barrachd a chosg air bunstructar.

Ri leantainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, Gàidhlig, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

One Response to Càite bheil a’ Chuimrigh?! Turas air a’ Chambrian #gàidhlig

  1. Pingback: Bho Aachen gu Inbhir Theòrsa – Lèirmheas na Bliadhna #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s