Eil càirdean dealanach? Trèanaichean dealanach a’ tòiseachadh eadar Glaschu is Dùn Èideann #gàidhlig

Tha seirbheisean dealanach air tòiseachadh air a’ phrìomh loidhne eadar Glaschu is Dùn Èideann. 

‘S e deagh naidheachd a tha seo oir tha na trèanaichean tòrr mòr nas uaine agus rud beag nas luaithe cuideachd. Bidh iad air an ruith le trèanaichean le 7 carbadan cuideachd an àite an fheadhainn le 6 carbadan a th’ ann an-dràsta.

14113987381_9871cf1d81_z

Clas 380 – ri fhaicinn a-nis air seirbheisean eadar Glaschu is Dùn Èideann

Chan eil a h-uile seirbeis air a ruith le trèanaichean dealanach fhathast agus bidh trèanaichean diosail fhathast air an t-slighe gu uaireigin an ath-bhliadhna. Thathar a’ cleachdadh trèanaichean 380 a th’ aig ScotRail mar-thà ach bith trèanaichean ùra ann a chaidh a dhealbhachadh a dh’aona-ghnothaich a’ tòiseachadh an ath bhliadhna.

Thathar a’ dealanachadh a h-uile loidhne eadar Glaschu is Dùn Èideann mean air mhean agus tha na uèirichean a’ dol suas air na loidhnichean taobh Shotts agus taobh Comar nan Allt/Eaglais Bhreac (Baile a’Ghreumaich) aig an àm seo.

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 Responses to Eil càirdean dealanach? Trèanaichean dealanach a’ tòiseachadh eadar Glaschu is Dùn Èideann #gàidhlig

  1. Thuirt Marconatrix:

    Deagh naidheachd, gu dearbh. Ach carson nach d’thachair seo bliadhnachan air ais?

    Liked by 1 duine

  2. Deagh cheist!

    'S toil

  3. Thuirt col44:

    Have you been on the new trains yet?

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s