Tha sinn uile air fleòd an seo 🎈- turas dhan Bhun-os-cionn Bahn 2 #gĂ idhlig

Air ais san t-Samhain, chaidh mi fhèin is mo charaid gaisgeil Wilson MacLeòid air turas gu Wuppertal sa Ghearmailt gus an rathad-iarainn ainmeil am Bun-os-cionn Bahn (Wuppertaler Schwebebahn) fhaicinn.

Às dèidh turas goirid dhan Bhruiseil, chaidh sinn dhan stèisean – Brussel-Zuid/Bruxelles-Midi gus an trèana ICE fhaighinn gu KĂśln.

Gu mĂŹ-fhortanach, nuair a rĂ inig sinn an t-Ă rd-Ăšrlar, dh’ionnsaich sinn gun robh an trèana againn air cur dheth is nach biodh trèana eile ann airson dĂ  uair a thĂŹde.

Bha mise a’ smaoineachadh nach biodh trèanaichean Deutsche Bahn air dheireadh uair sam bith cuideachd oir tha cliĂš aig rathaidean-iarainn na Gearmailt airson a bhith air an uair is èifeachdach – eu-coltach ris na rathaidean-iarainn againn fhèin!

Cha robh seo cho math oir bha sinn air Pop-Up Gàidhealtachd a chur air dòigh ann an Wuppertal le Micheal Klevenhaus is gaisgich eile na Gàidhlig ach bha sinn a-nis gu bhith ro anmoch airson coinneachadh.

Nuair a nochd an trèana mu dheireadh thall, chuir e iongnadh mòr orm gun robh coltas cleasaiche olc air, rud beag coltach ri Pennywise the Dancing Clown bho Stephen King’s IT.

‘S e trèana ‘BĂśse Schauspieler’ a chuir sinn oirre agus cha robh a dhĂŹth oirre ach gruag ruadh!

Stephen King's

Am bu toil leat balĂšn?

Bha mi a’ smaoineachadh gun dèanadh e na dheagh iomairt margaideachd airson DB.

Le ICE, cha bhi thu dĂŹreach air trèana, bidh thu air fleòd – THA SINN UILE AIR FLÈOD SHÌOS AN SEO!

Neo sa Bheurla rudeigin mar:

You won’t find a better way to travel than DB Inter City Express; you’ll die if you try, YOU’LL DIE IF YOU TRY!

Saoil am bu chòir dhomh an CV agam a chur gu roinn na margaidheachd aig DB?

Ri leanntainn, ach na san eadar-ama, na diochuimhnich, WIR ALLE SCHWEBEN HIER UNTEN! 🎈

Alasdair

p.s – lorg mi a’ bhidio seo de Phennywise sa Ghearmailtis!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cĂ nain, neach-iomairt GĂ idhlig, sgrĂŹobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lÏn dhen bhuan-cheangal.

FĂ g freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ĂŹosal no briog air ĂŹomhaigheag gus clĂ radh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s