Tranvia di Venezia – an t-slighe trama as neònaiche san t-saoghal #gàidhlig

Tha mi gu math dèidheil air trèanaichean is tramaichean. Gu math gu math deidheil air trèanaichean is tramaichean.

Chan eil mo bhean Jenny idir cho dèidheil orra. Is toil leatha a bhith a’ siubhal orra is tha i taiceil do chòmhdhail uaine ach chan eil i idir a’ tuigsinn carson a bhios daoine mar mi fhèin air bhioran gach turas a chì sinn rud sam bith a’ ruitheas air rèileachan.

Nuair a bhios sin a’ planadh làithean-saora, bidh Jenny daonnan a’ fàs rud beag amharasach is ainfhoiseil ma tha mi a’ coimhead air àite sam bith far a bheil fhios aice gu bheil tramaichean no trèanaichean inntinneach ann.

Tha sinn dìreach air turas a chur air dòigh gu Venice sa Chèitean. Bha Jenny an dùil gum biomaid sàbhailte gu leòr bho thrèanaichean is tramaichean an sin a chionn ’s gur e eilean a th’ ann. Bha mi fhèin an dùil cuideachd nach biodh trèanaichean no tramaichean ann agus bha mi coma leis cho brèagha, eachdraidheil, cliùiteach sa tha am baile. ACH ’s ann a bha mi ceàrr – THA trèanaichean ann!

320px-Piazza_San_Marco_in_Venice,_with_St_Mark's_Campanile_and_Basilica_in_the_background

Venezia / Venice

Tha an rathad-iarainn a’ ruith thairis air drochaid agus a-steach dhan bhaile. A bharrachd air sin, tha slighe-trama ann – Tranvia di Venezia. Tha an t-slighe trama a’ ruith bho thìr-mòr a-steach dhan bhaile air an drochaid rathaid.

Venezia_-_mappa_rete_tranviaria.svg

Chan e slighe trama àbhaisteach a th’ ann idir. An àite dà rèile a bhith ann mar a bhios ann le tramaichean àbhaisteach, chan eil ach aon rèile ann. Tha aon rèile iarainn ann agus bidh an trama a’ greimeachadh air seo airson a stiùireadh ach tha taidhrichean rubair air an trama cuideachd mar a tha air bus. ‘S e siostam Translohr a chanar ris an t-siostam seo. Ann an dòigh, tha e letheach slighe eadar trama is bus-tràilidh.

Seo bhidio.

Tha tramaichean Translohr ann an dà loidhne ann am Paris agus ann an Clermont-Ferrand san Fraing, ann am Medellín ann an Colombia agus ann an Padua san Eadailt a bharrachd air Venice-Mestre.

Tha deagh ainm air siostaman mar seo san Fhraingis: les tramways sur pneus.

Thathar ag ràdh gu bheil na tramways sur pneus nas fheàrr na trama àbhaisteach oir tha na tramaichean comasach air tionndadh air radius nas lugha agus bidh iad a’ luathachadh (accelerating) nas luaithe cuideachd.

A rèir coltais, ge-tà, tha tòrr air na tramaichean Translohr a chàineadh a chionn ’s gu bheil e nas daoire siostam Translohr a chur air dòigh is a ruith na siostaman àbhaisteach. Bidh na tramaichean seo a’ dèanamh barrachd cron air na rathaidean na busaichean àbhaisteach cuideachd – bidh na cuibhlichean a’ togail chlaisean san rathad mean air mhean. ‘S e siostam proprietary a th’ ann an Translohr cuideachd agus mar sin, feumar na tramaichean is uidheamachd uile a cheannach bhon chompanaidh sin.

Tha luchd-siubhail ag ràdh nach eil an turas buileach cho mìn no sàmhach sa tha an turas air trama air cuibhlichean meatailt nas motha.

‘S e siostam gu math neo-àbhaisteach a th’ ann gun teagamh agus tha mi a’ dèanamh fiughar ri fheuchainn nuair a bhios mi san Eadailt! (Cho math ri Cearnog Naomh Mharcais is na Canàlaichean is a h-uile rud eile!)

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, tramaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s