An e sin e? Turas air busaichean-tràilidh Solingen #gàidhlig #gaelic

Tha mi air a bhith air tursan air busaichean-tràilidh (trolley-buses) turas no dhà ach bha na tràilidhean sin uile ann an loidhnichean goirid ann an taighean-tasgaidh.

Air ais san t-Samhain, bha cothrom agam a dhol air bus-tràilidh a bha ‘fiadhaich’ mar gum biodh, a bha a’ ruith seirbheis phoblach air loidhne fhada cheart an àite a bhith ann an captivity!

Bus-tràilidh ann an Solingen:

O-bus Solingen / Solingen Trolleybus

Bha seo ann an Solingen anns a’ Ghearmailt nuair a bha mi air turas ann le mo charaid gaisgeil Wilson MacLeòid.

‘S e a th’ ann am bus-tràilidh ach carbad a tha letheach slighe eadar bus is trama. Bidh iad a’ ruith air uèirichean dealanach mar a bhios trama ach an àite a bhith a’ ruith air rèilichean, bidh iad a’ ruith air an rathad àbhaisteach le cuibhlichean rubair mar a nì bus.

Bha grunn siostaman bus-tràilidh san RA uair, a’ gabhail a-steach Glaschu, Caerdydd, Beal Feirste, Lunnainn agus tòrr bhailtean ann an ceann a tuath is meadhan Shasainn uair ach dhùin an lìonra mu dheireadh, Bradford ann an 1972.

Seo bus-tràilidh à Glaschu:

Bus-tràilidh Ghlaschu, Taigh-tasgaidh Sandtoft

Tha tràilidhean fhathast gu math cumanta ann am meadhan is taobh an ear na h-Eòrpa, ge-ta, a’ gabhail a-steach lìonra Solingen.

800px-Netzplan_Oberleitungsbus_Solingen

Lionra nam Bus-tràilidh, Solingen

Cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol air na tràilidhean agus bha mi air mo dhòigh glan.
Ghlac sinn am bus ann an prìomh stèisean a’ bhaile agus bha mi air bhioran, a’ smaoineachadh rium fhèin cho fortanach sa bha mi a bhith air bus-tràilidh agus cho toilichte ’s a bha mi a bhith a’ dèanamh rudeigin a bha mi airson a dhèanamh bho fhuair mi leabhar mu bhusaichean-tràilidh Ghlaschu ann an seann Taigh-tasgaidh na Còmhdhail ann an Albert Drive aig toiseach nan 1980an.

Bus-tràilidh Solingen

Bha am bus cho luath, bha e a’ dèanamh fuaim mar trama no trèana subway no rudeigin an àite fuaim àbhaisteach a’ bhus agus b’ urrainn dhomh a bhith air fuireach air a’ bhus-tràilidh ud fad an latha, no fad na seachdain fiù’s!

Dhomhsa, bha e coltach ri bhith a’ faicinn Gàraidhean Crochte Bhàbiloin no a bhith a’ tadhal air Leabharlann Alecsandria no rudeigin mar sin!

Cha robh Wilson den aon bheachd. Às dèidh còig mionaidean no mar sin, thuirt e:

“An e sin e?

Nach eil seo dìreach coltach ri bhith air bus àbhaisteach!”

Mise: “O, chan eil. Tha am bus seo dealanach AGUS tha e a’ ruith air uèirichean! DÈ CHO COOL SA THA SIN!!!!!

Wilson: “Hmmm”.

Nuair a smaoinicheas mi mu dheidhinn, cha robh coltas uamhasach fhèin excited air na daoine àbhaisteach air a’ bhus-tràilidh nas motha. Nach robh na daoine mì-thaingeil sin a’ tuigsinn cho fortanach sa bha iad siostam bus-tràilidh a bhith aca??!!

Mar sin, cha d’ rinn sinn ach an dàrna leth den loidhne air an robh sinn agus an uair sin, chaidh sinn air ais gu meadhan a’ bhaile.

Chan urrainn dhomh gearan, gè-tà, bha an turas sgoinneil fhèin.

Nis, is dòcha gu bheil Wilson ceart. Chan eil busaichean-tràilidh sexy mar a tha cuid a dhòighean còmhdhail eile ach tha iad gu math uaine. Agus tha siostaman bus-tràilidh gu math saor a chur air dòigh cuideachd – feumar uèirichean a chur suas ach chan fheumar dad a dhèanamh dhan rathad fhèin. Tha mi an dùil is an dòchas gun tèid siostaman bus-tràilidh (no Oberleitungsbus mar a th’ orra sa Ghearmailt) ùra a thogail fad is farsaing, cho math ri siostaman trama is rathaidean-iarainn ùra air feadh an t-saoghail.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s