Schwebebahn na h-Alba! #gàidhlig #gaelic

Sgrìobh mi mun Wuppertaler Schwebebahn – am Bun-os-cionn Bahn – bho chionn goirid, ach an robh fhios agad gin robh schwebebahn ann an an Alba cuideachd uair?

B’ e seo an Georgie Bennie Railplane faisg air Muileann Gàidh.

img_0277

Bha beachd aig George Bennie (1891–1957) gun robh feum air trèanaichean nas luaithe na trèanaichean àbhaisteach mar an TGV no HS1 is HS2. An àite a bhith a’ moladh rathad-iarainn àbhaisteach, mhol e am Plèana-rèile – Railplane, seòrsa rathad-iarainn ùr a bhiodh a’ cleachdadh teicneolas nam plèanaichean gu ìre. ‘S e a bh’ ann ach aona-rèile le carbadan streamlined a bha air an ruith le einnseanan dìosail is proipilearan.

img_0279

Bha e airson loidhne a chur air dòigh eadar Glaschu is Dùn Èideann agus eadar Dùn Èideann agus Lunnainn.

Thog e loidhne ghoirid gus an siostam ùr aige a thaisbeanadh os cionn rathad-iarainn faisg air Muileann Gàidh ann an Siorrachd Dhùn Breatann.

img_0280

Dh’fhosgail an trac deuchainn aig Bennie ann an 1930 agus ged a bha ùidh aig cuid anns an t-siostam, cha deach loidhne sam bith a thogail leis an teicneolas inntinneach seo.

Chaidh an trac is an trèana fhàgail far an robh iad fad cha mhòr 30 bliadhna ach chaidh a leigeil is a reic airson scrap ann an 1956.

img_0281

Ged nach robh am pleana-rèile soirbheachail, bha e gu math inntinneach agus bhiodh e fìor mhath nan rachadh an loidhne ghoirid ann am Muileann Gàidh ath-thogail do luchd-turais latha de na làithean. Tha mi cinnteach gun tigeadh na miltean mòra gus fhaicinn gach bliadhna!

Tha tòrr bhidiothan matha ann den phleana-rèile.

https://www.youtube.com/watch?v=IsvxzWN5ahM

https://www.youtube.com/watch?v=vvSmwMqtylA

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s