Tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh tòrr mu thrèanaichean neònach an seo bho chionn goirid – am Bun-os-cionn Bahn, Bennie’s Railplane is eile. Leugh mi artaigil gu math inntinneach san Railway Magazine bho chionn goirid mu thrèana annasach eile – an Ro-railer no ròd-rèiliche sa Ghàidhlig.
Dè idir a th’ ann an ròd-rèiliche?
Tha an t-ainm a’ tighinn bho road-railer, carbad a tha comasach air ruith an dà cuid air an rathad agus air rathad-iarainn. Tha e coltach ri bus a tha cuideachd na thrèana!
Chaidh deuchainnean a dhèanamh le ro-rèilichean anns na 1930s leis an LMS ach do mhair na ro-rèilichean fada.
Rinn muinntir na Gearmailt deuchainn leis an ròd-rèiliche no Schienen-Straßen-Omnibus anns na 1950an cuideachd.
Ann am prionnsabal, ’s e deagh bheachd a th’ annta. Tha iad feumail airson sgìrean dùthchail far nach biodh trèana mhòr a dhìth agus far a bheil an stèisean gu tric pios air falbh bhon bhaile, no far a bheil an sluagh aig ceann na loidhne sgaipte. Bhiodh an trèana a’ ruith gu deireadh na loidhne is an uair sin, a’ ruith mun cuairt na sgìre mar bhus. Tha e cuideachd a’ posadh cunbhalachd is riaghailteachd an rathad-iarainn ri sùbailteachd nam busaichean.
Carson nach eil ro-rèilichan cumanta ma tha?
Ged is e deagh choincheap a th’ annta, tha an ròd-rèiliche caran doirbh a chur ann an gnìomh gu prataigeach air na h-adhbharan a leanas:
- Chan eil mòran rùm air carbad mar seo agus mar sin, nan robh fèill mhòr air an t-seirbheis seo, cha bhiodh dòigh ann gus a leudachadh.
- Feumaidh an ròd-rèiliche a bhith beag gu leòr airson a dhol air an rathad agus a bhith a rèir riaghailtean meud is sàbhailteachd an rathaid. Mar sin, dh’fheumadh e a bhith nas lugha is nas laige na trèana àbhaisteach.
- Feumaidh an ròd-rèiliche a bhith a rèir riaghailtean meud is sàbhailteachd an rathaid-iarainn agus comasach air a bhith a’ ruith air an aon loidhne ri trèanaichean àbhaisteach . Mar sin, feumaidh e a bhith nas motha is nas trèasa na bus gus nach tèid pronnagan a dhèanamh dheth ma thèid a bhualadh le trèana guail no trèana express.
- Bidh busaichean a’ togail dhaoine bho ìre an rathaid ach bidh trèanaichean a’ togail dhaoine bho àrd-ùrlaran is mar sin, dh’ fheumadh e a bhith comasach air an dà chuid a chleachdadh.
- Tha cosgaisean mòra an lùib obair dealbhachaidh is togail airson charbadan mar seo. Gu mì-fhortanach, tha carbadan mar seo ag amas air loidhnichean beaga a tha mar as trice a’ call airgid agus far nach eil companaidhean rèile deònach airgead mòr a chosg. Air rathaidean-iarainn dùthchail, mar as trice, ’s e na ‘hand-me-downs’ bho loidhnichean eile a gheibh iad.
- A bharrachd air na cosgaisean sin, tha cosgaisean àrda ann airson luchd-obrach na rèile – tha dràibhearan trèana a’ cosg an dà uiread ri dràibhearan bus agus bhiodh feum air geàrd cuideachd.
Tha seo a’ ciallachadh gum biodh e na b’ fhasa is na bu shaoire bus a ruith a tha a’ coinneachadh ris an trèana aig deireadh na loidhne le siostam thiocaidean a tha a’ gabhail a-steach an dà chuid.
Is dòcha nach eil e na iongnadh nach do dh’obraich an ròd-rèiliche ach tha e na iongnadh nach eil co-obrachadh ann eadar bus is trèana mar is còir.
Alasdair