Tha mi gu bhith a’ dol air turas gu Caerdydd gus tadhal air Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh le m’obair aig deireadh a’ mhìos.
Bidh feasgar saor agam ann an Caerdydd fhad’s a bhios mi ann agus tha mi airson a dhol air cuid de na rathaidean-iarainn ann an taobh a deas na Cuimrigh. A bheil moladh aig duine sam bith air dè na loidhnichean as fheàrr? Dè na loidhnichean as fheàrr sna Glinn No am bu choir dhomh a dhol gu Abertawe?
Cha robh mi air loidhne sam bith ann an taobh deas na Cuimrigh ach a-mhàin a’ phrìomh loidhne gu Caerdydd agus meur-loidhne Bae Caerdydd.
Chuirinn fàilte air beachd sam bith!
Alasdair
Aig a cheann thall, cho-dhùin mi gun robh mi airson a dhol air loidhne Vale of Glamorgan agus rinn mi sin. Nì mi post bloga air an turas.
'S toil'S toil