Beachd airson a’ ghàrraidh agam? #gàidhlig #gàidhlig

Chunnaic mi taigh anns na crìochan bho chionn beagan bhliadhnaichean far an robh fear anns na Crìochan air rathad-iarainn a thogail sa ghàrradh aige.

Chan eil mi idir a’ ciallachadh modail ach rathad-iarainn ceart! Bha e air seann taigh-stèisein – Saughtree – agus beagan den sheann rathad-iarainn a thogail.

Tha gu leòr de dhaoine aig a bheil gàrraidhean mòra a tha air meanbh-rathaidean-iarainn a thogail cuideachd.

Ach chunnaic mi rudeigin gu math eadar-dhealaichte air YouTube an latha roimhe- bhideo a rinneadh sna 1960an de dhuine a bha air loidhne bus-tràilidh a thogail anns a’ gharradh aige!  Bha e air bus-tràilidh a thogail aig 1/3 den mheud de bhus-tràilidh cheart. Nam biodh an gàrradh agam mòr gu leòr, dheanainn an aon rud!

Tha mi an dòchas gu bheil an tràilidh bus beag seo glèidhte ann an taigh-tasgaidh a-nis, no nas fheàrr, fhathast a’ ruith!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

One Response to Beachd airson a’ ghàrraidh agam? #gàidhlig #gàidhlig

  1. Thuirt Marconatrix:

    Nise tha mi air faicinn na h-uile! 🙂

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

w

Connecting to %s