Chan eil stiall aodaich air an impire! Càraichean fèin-dràibhidh #gàidhlig #gaelic

Nan creideadh tu a h-uile rud a tha a’ nochdadh sna  na meadhanan, shaoileadh tu gun robh càraichean gun dràibhear no càraichean fèin-dràibhidh (driverless no automous cars) gu bhith air na sràidean uair sam bith agus nach biodh dràibhearan aig càraichean, busaichean, bhanaichean no làraidhean tuilleadh an ceann deich bliadhna no mar sin.

Cha robh mi riamh a’ creidsinn na haidhp ach bha an uiread de stuth anns na meadhanan, òraidean aig luchd-poileataigs agus mar sin air adhart a bha a’ sìor-mholadh charbadan fèin-dràibhidh is gun robh mi uaireannan a’ gabhail iongnadh an robh mi ceàrr.

41FOjWR8+tL

An uair sin, leugh mi leabhar sgoinneil ùr leis an sgrìobhadair còmhdhail Christian Wolmar:  Driverless Cars: On a road to nowhere.

Anns an leabhran ghoirid seo, tha Wolmar ag ràdh nach eil sinn idir idir faisg air an latha nuair a bhios càraichean a tha gu tur fèin-dràibhidh air na rathaidean againn. Tha tòrr cheistean eiticeil , feallsanachdail, sàbhailteachd, laghail, reachdail, riaghlaidh is planaidh an lùib charbadan mar seo nach deach fhuasgladh fhathast -agus cha deach fiù ’s beachdachadh air cuid de na ceistean seo fhathast. Nas cudromaiche na seo, chan eil an t-adhartas teicnigeach is prataigeach air a bhith idir cho mòr sa bhiodh tu an dùil bho na h-aithrisean anns na meadhanan a tha fìor-thaiceil dhan teicneolas ùr seo.

Agus fiù ’s ma thèid na dùbhlain fhuasgladh, a bheil sinn airson ’s gun tachair seo? Bidh an t-airgead rannsachaidh is leasachaidh a tha a dhìth gus carbadan fèin-dràibhidh a thoirt gu buil gun chiall,  airgead a dh’fhaodadh a bhith air a chosg air còmhdhail phoblach mar rathaidean-iarainn, tramaichean, busaichean-tràilidh, busaichean is aiseagan, agus air carbadan dealanach le dràibhearan.

A bharrachd air an airgead mòr a bhiodh a dhìth gus carbadan fèin-dràibhidh a thoirt a-steach, tha Wolmar a’ meas gun cailleadh mu 1.6 millean dràibhearan proifeiseanta san RA an cuid obrach. A bheil sinn an da-rìribh ag iarraidh sin?

Tha duilgheadas prataigeach eile ann a tha Wolmar a’ comharrachadh: tha e gu math doirbh càraichean fèin-dràibhidh is càraichean àbhaisteach a’ ruith còmhla.  Mar sin, airson obrachadh gu ceart agus gus na buannachdan as motha fhaighinn à carbadan fèin-dràibhidh, dh’fheumadh carbadan fèin-dràibhidh a-mhàin a bhith air na rathaidean, no dh’fheumadh an dà chuid a bhith air an sgaradh bho chèile. A reir an ùghdair cuideachd, bhiodh e gu math doirbh siostam a lorg a bhiodh a’ freagairt an dà chuid air bailtean mòra agus air sgìrean dùthchail, rud a bhiodh ga fhàgail nas doirbhe càraichean fèin-dràibhidh a-mhàin a bhith ann.

Tha mi cinnteach gun tig barrachd charbadan fèin-dràibhidh a-steach mean air mhean ach chanainn gum bi iad air an cleachdadh ann am beagan suidheachaidhean ’niche’ a-mhàin seach anns a h-uile àite. Bidh iad nas coltaiche ri aona-rèilichean (monorails), siostaman còmhdhail aig puirt adhart, slighean-bus treòraichte (guided busways) no bàtaichean-falbhain seach mar phrìomh mhodh-còmhdhail na dùthcha nam bheachdsa.

Leugh an leabhar air Cristian Wolmar agus na creid an haidhp!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s