Cambrian Noir – turas dhan Chuimrigh 2 – #gàidhlig #gaeilge

An turas mu dheireadh a bha mi sa Chuimrigh air ais san t-Samhain, chaidh mi ann air Loidhne a’ Chambrian eadar yr Amwythig (Shrewsbury) agus Aberystwyth airson a dhol gu cùrsa Cànanan Ceilteach sa Chuimrigh faisg air Bala.

‘S e nàdar de mhecca nan trèanaichean a th’ ann an Aberystwyth oir tha dà rathad-iarainn prìobhaideach inntinneach ann: Vale of Rheidol/ Rheilffordd Cwm Rheidol agus rèile-beinne cuideachd.

Gu mì-fhortanach, cha robh gin aca fosgailte ach tha sin a’ toirt dhomh leisgeil eile a dhol air ais!

Vale of Rheidol Railway - Loco fleet in BR blue (old postcard)

‘S e rathad-iarainn caol-ghèidse – fear de ’rathaidean-iarainn beaga sgoinneil na Cuimrigh’ a th’ anns a’ Vale of Rheidol. Tha an loidhne a’ ruith eadar Aberystwyth agus Devil’s Bridge/ Pontarfynach agus b’ àbhaist dhan loidhne a bhith mar phàirt de BR agus bha an loidhne ainmeil fad iomadh bliadhna mar an aon loidhne far an robh trèanaichean smùid a’ ruith air BR agus bha dathan gorma na companaidh fiù’s air na locothan, rud nach do thachair le trèana smùid sam bith eile.

Ged nach robh an rèile beinne a’ ruith nas motha, fhuair mi cothrom a dhol ann agus dealbh no dhà a thogail.

Choisich mi mun cuairt sa bhaile agus thug e brosnachadh mòr dhomh gun robh tòrr mòr Cuimris ri cluinntinn. Ged nach robh mi air a bhith ann an Aberystwyth roimhe, bha mi ag aithneachadh an àite bhon telebhisean, gu sònraichte bhon phrògram drama Y Gwyll/Hinterland. Mur a faca tu e, bu chòir dhut – ’s e cambrian noir a th’ ann agus tha e car coltach ri Shetland.

Bha mi a’ fuireach còmhla ri mo charaid Rhisiart ann am Borth agus chaidh sinn dhan stèisean còmhla. Ma chunnaic thu Y Gwyll/Hinterland, aithnichidh tu an stèisean oir chaidh pàirt den t-sreath fhilmeadh ann agus bha murtair a’ fuireach ann an taigh an stèisean anns a’ phrògram!

Air an oidhche, bha Pop-up Gàidhealtachd ann an Aberystwyth agus an uair sin, an ath latha rinn sinn air Bala airson Cànanan Ceilteach anns a’ Chuimrigh. Mur a b’ e an Dr Olc Beeching (tuiteam gun èirigh air is leac air a bheul), bhiodh an cothrom air a bhith againn a dhol ann air an trèana. Mar a bha e, bha againn ri dhol ann sa chàr.

‘S e turas sgoinneil a bh’ ann agus am measg rudan eile, chaidh sinn seachad air rathad-iarainn Corris agus ged nach robh trèanaichean a ruith san t-Samhain, chunnaic sinn an stèisean agus bha fìor dheagh choltas air an àite.

Rathad-iarainn Corris, a’ Chuimrigh #gaidhlig

Aig Cànanan Ceilteach sa Chuimrigh, bu mhise an t-aon duine aig nach robh Cuimris agus bha a’ mhòr-chuid de na daoine a’ bruidhinn sa Bhreatnais agus sa Chuimris. Cha robh mi airson Beurla a sparradh air daoine ach bha e ceart gu leòr oir bha Gaeilge aig tòrr de na daoine agus bhiodh daoine ag eadar-theangachadh eadar Breatnais no Cuimris is Gaeilge dhomh! Abair ioma-chànanach!

Bha e fìor mhath capadaich sa Ghàidhlig, sa Ghaeilge agus ann am measgachadh den dà chuid! B’ e seo a’ chiad turas a chuala mi Breatnais riamh agus chòrd e rium glan beagan eòlais fhaighinn air a’ chànanan.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, caol-ghèidse, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte, Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s