Am baile as Cuimriche ann an Sasainn #gaidhlig #gaelic

Chaidh mi dhan Chuimrigh le m’ obair bho chionn goirid agus chaidh mi air an trèana air loidhne crìochan na Cuimrigh (‘Welsh Marches’) bho Chryw (Crewe) gu Caerdydd taobh yr Amwythig.

Mar as còir, ‘s e clas 175 ‘Cymru-star’ a bh’ anns an trèana agam, an seòrsa aonaid a bhios a’ ruith a’ mhòr-chuid de na seirbheisean eadar-chathrach anns an dùthaich agus a tha, mar sin, a cheart cho Cuimreach ri Ivor the Engine fhèin!

jones
Tha Loidhne Crìochan na Cuimrigh gu math sònraichte. Ma tha thu nad anarag cànain, tha e inntinneach gu bheil ainmean Cuimris air tòrr de na bailtean a chionn ’s gu bheil iad cho faisg air a Chuimrigh agus a chionn ’s gun robh Cuimris ga bruidhinn air taobh Shasannach na crìche gus an 19mh linn. Mar sin, tha Yr Amwythig air Shrewsbury, Llwydlo air Ludlow, Llanllieni air Leominster agus Henffordd air Hereford.

Tha na stèiseanan seo uile air an ruith mar phàirt de franchise Cuimrigh is nan Crìochan agus nam bheachdsa, bu chòir do na h-ainmean Cuimris a bhith a’ nochdadh air na soidhnichean oir seo a’ phrìomh loidhne eadar taobh tuath is taobh deas na Cuimrigh ged a tha pàirt dheth a’ dol tro Shasainn agus tha na h-ainmean Cuimris air na bailtean sin aig a h-uile duine aig a bheil Cuimris (dìreach mar a tha Lunnainn no an Caisteal Nuadh againn uile).

Soidhne aig Stèisean Borth #gaidhlig

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 (@alasdairmaccaluim) on

Tha na seallaidhean sònraichte cuideachd. Tha deagh mheasgachadh ann de thalamh còmhnard uaine a tha cho cumanta ann am meadhan Shasainn agus de bheanntan mar a tha cho cumanta sa Chuimrigh.

Am measg nam bailtean air an t-slighe, bha am baile as Cuimriche a chunnaic mi riamh – beanntan, craobhan, taighean àlainn. An seòrsa àite a bhios mi a’ faicinn nam inntinn nuair a tha mi ag èisteachd ri Under Milk Wood no rudeigin mar sin.

Dè am baile? Church Stretton. Dè an dùthaich? Sasainn!

Dìreach taobh a-muigh Hereford, chunnaic mi rud gu math neònach – cladh nan Citreon 2CV! Bha tuathanas ann agus bha na ficheadan de 2CVs meargach sgaipte air feadh nan achaidhean. Nas neònaiche, dà mhionaid eile shìos an loidhne, chunnaic mi tuathanas eile le mu 10 seann Landrovers ann an achadh san aon dòigh.

Tha seòrsa Millionaire’s Row ann air iomall Henffordd le taighean mòra mòra air stilts os cionn na h-aibhne leis an t-seòrsa coltais orra sa tha air taighean anns na cnuic os cionn Los Angeles!

Goirid as dèidh sinn bha sinn anns a’ Chuimrigh agus sinn a’ stad aig
Y Fenni (Abergavenny) agus an uair sin, chan fhada gus an robh sinn ann an Casnewydd/Newport agus Caerdydd/Cardiff.

‘S e loidhne àlainn a tha seo agus ma tha an Settle is Carlisle is Loidhne na Gàidhealtachd an Iar is tursan rèile mòra an t-saoghail eile a’ còrdadh riut, bu chòir dhut seo a dhèanamh.

Ri leantainn…..

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, Sasainn, Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

w

Connecting to %s