Turas gu Lìte air an trèana #gaidhlig #gaelic

Tha mi air a bhith air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba a bhios a’ giùlan luchd-siubhail. Tha beagan rathaidean-iarainn ann a tha airson bathair a-mhàin, ge-tà agus chan ann tric a bhios cothrom aig daoine mar mì fhèin siubhal orra.

Tha mi air a bhith air loidhne no dhà far nach eil ann ach trèanaichean bathair mar as àbhaist – Allamhaigh- Ceann Chàrdainn-Dùn Phàrlain agus meur-loidhne Hunterston mar eisimpleir. Airson a dhol orra, feumaidh tu a dhol air turasan rèile sònraichte, rud nach tachair idir tric.

Air meur-loidhne Hunterson leis an turas-rèile an Hunterson Tracker, 2012

Tha turas rèile gu bhith aig Comann Glèidhteachas Rèile na h-Alba air an ath-mhìos a bhios a’ dol gu Lìte agus gu Millerhill ann an Dùn Èideann agus ’s mi a bhios a’ dol ann!

Ach roimhe sin, bidh mi a’ dol gu Venice far am bi mi a’ dol air an trama annasach aca aig nach eil ach aon rèile, cho math ri bhith a’ feuchainn People Mover Venice agus Vaporetti ainmeil a’ bhaile.

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, treanaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

w

Connecting to %s