Càite a bheil Cymdeithas yr Iaith Gymraeg nuair a tha feum agad orra? #gàidhlig #gaelic

Càite a bheil Cymdeithas yr Iaith Gymraeg nuair a tha feum agad orra?

1200px-Cymdeithas-logo.svg

Sin na bha mi a’ smaoineachadh bho chionn goirid is a mi a’ feuchainn ri tiocaidean ScotRail a cheannach airson turas a bha a’ gabhail a-steach còrr is aon mhodh còmdhail.

Carson?

Tha deagh thiocaidean ann a tha a’ gabhail a-steach trèana agus bus, bàta, trama no Subway ach chan eil fhios aig mòran dhaoine mun deidhinn agus tha iad uamhasach doirbh a lorg!

Tha e coltach ri suidheachadh na Cuimris sna 60an agus 70an. Às dèidh strì làidir airson na Cuimris le luchd-iomairt, bha aig buidhnean poblach ri foirmichean is bileagan Cuimris a dhèanamh. Ach cha robh iad a’ dèanamh cus airson innse do dhaoine gun robh iad ann is mar sin, cha robh cus fèill orra.

‘S ann mar thoradh air suidheachaidhean mar seo a bhios luchd-planadh cànain a’ bruidhinn mu ‘thairgse ghnìomhach’ no ‘active offer’. Chan eil e math gu leòr a bhith a’ tabhann seirbheis, feumaidh tu innse do dhaoine gu bheil e ann agus a bhith ga brosnachadh!

Le ScotRail, tha tòrr thiocaidean ioma-mhòdach (multimodal) ann a’ gabhail a-steach tiocaidean RailBus, Rail & Sail agus tiocaidean gu na puirt-adhair. Tiocaidean a tha nas saora agus, ann am prionnsabal, nas fhasa na bhith a’ ceannach tiocaid trèana agus an uair sin tiocaid bus no trama eile. Tha tiocaidean latha airson seirbheisean trèana ann an Srath Chluaidh cuideachd – an Daytripper agus an  Roundabout. An seòrsa rud a tha aig dùthachannan eile a tha an da-rìribh mu chòmhdhail cheangailte.

Fìor dheagh idea – ach ciamar a gheibh thu tiocaidean mar sin?

Sin an duilgheadas.

Bho chionn goirid, bha mi ag iarraidh dhol gu Cumaradh leis an teaghlach. Bha fios agam gu bheil tiocaidean ann a tha a’ gabhail a-steach trèana dhan Leargaidh Ghallda agus  bàta gu Cumaradh.

Dh’fheuch mi ri tiocaid a cheannach air-loidhne. Cha do dh’obraich e. Chaidh mi dhan inneal-thiocaidean san stèisean. Cha do dh’obraich e. Dh’fheuch mi ri tiocaid a cheannach bho neach nan tiocaidean air an trèana. Cha robh sgùbaidh aige mun tiocaid. Dh’iarr e orm bruidhinn ris an neach sa bhothan air an àrd-ùrlar ann an Stèisean a’ Mheadhain. Cha robh fios aig an duine sin nas motha is mhol esan gum bu chòir dhomh a dhol gu prìomh oifis nan tiocaidan.

Chaidh mi ann agus fhuair mi na tiocaidean. Bha iad tòrr na bu shaoire na bhith a’ ceannach tiocaidean fa leth airson na trèana is airson a’ bhàta. Cha robh e idir furasta, ge-tà!

tiocaidean

Tha seo air tachairt dhomh iomadh turas roimhe – nuair a bha mi a’ feuchainn ri dhol gu Port Adhair Ghlaschu agus gu Ùige am meas àiteachan eile. Tha beagan de na tiocaidean rim faighinn air-loidhne no bho innealan-tiocaid ach  tha a’ mhòr-chuid rim faighinn bho oifis thiocaidean no bhon ionad-fòn aig ScotRail a-mhàin. Agus fiù ’s anns na h-àiteachan sin, gu tric chan eil fhios aca mu na tiocaidean ioma-mhòdach seo. A bharrachd air seo, chan eil gin aca rim faighinn air na cairtean-tapaidh aig ScotRail – feumaidh iad a bhith air pàipear.

Bidh mi a’ dol air turas bho Phort Adhair Dhùn Èideann nas fhaide air a’ mhìos agus dh’fheuch mi ri tiocaidean a cheannach airson turas dhan Phort Adhair air an trèana agus trama. Bha na tiocaidean rim faighinn air-loidhne. Chuir mi a-steach EDA, an còd airson port Adhair Dhùn Èideann agus nochd dà dhiofar sheòrsa tiocaid – tiocaid air mu £14 agus tiocaid air mu £19. Bha an dà chuid ag ràdh Glaschu-Port Adhair Dhùn Èideann.

Cheannaich mi an fheadhainn a bu shaoire ach nuair a thog mi bhon inneal san stèisean iad, ’s e tiocaid bho Ghlaschu gu Margaidh an Fheòir a bh’ annta, gun iomadh sam bith air a’ phort adhair! Dh’fhòn mi ri ScotRail agus thuirt iad “’s e an fheadhainn air £19 a dh’fheumas tu a cheannach ma tha thu ag iarraidh dhol dhan Phort Adhair”. Bha agam ris na tiocaidean a chur air ais agus feadhainn ùra a cheannach.

railbus

Gheibhear tiocaidean RailBus do na h-àiteachan sin – ach a bheil fhios aig duine sam bith mu dheidhinn?

Agus nan robh thu ag iarraidh tiocaid RailBus fhaighinn, am biodh fios aig dràibhear a bhus gu bheil an leithid de thiocaid ann – am faigh thu air bòrd leis?? No bheil dòigh sam bith agad faighinn a-mach dè am bus a bhiodh ann, cuine, càite is dè a’ chompanaidh a tha ga ruith? Chan eil fiosrachadh sam bith air làrach-lìn ScotRail mu dheidhinn.

Chan eil teagamh sam bith ann nach eil tairgse ghnìomhach a dhìth oirnn airson tiocaidean ScotRail!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s