Your Wee Happy Train! #gàidhlig #gaelic

Eil cuimhne aig air na “Wee Happy Buses” ann an Glaschu bho chionn 30 bliadhna no mar sin?

thumbnail_IMG_1687

Uill, a rèir coltais, tha “trèanaichean beaga sona” gu bhith againn ann an ùine nach bi fada cuideachd.

Tha ScotRail gu bhith a’ faighinn beagan trèanaichean dealanach Clas 365 air iasad airson beagan mhìosan as t-samhradh. Tha trioblaidean teicnigeach air a bhith aca leis na trèanaichean dealanach ùra a chaidh òrdachadh airson a dhol air a’ phrìomh loidhne eadar Glaschu is Dùn Èideann ach bha aca ri tòrr de na trèanaichean diosail aca a thoirt do chompanaidhean eile. Mar sin, tha gainnead thrèanaichean ann agus tha a’ bheàrn sin gu bhith air a lìonadh leis na h-aonadan clas 365 – an Networker Express no Happy Train.

Canaidh daoine an trèana shòna ris a chionn ’s gu bheil e coltach gu bheil iad a’ dèanamh gàire.

365535_London_Kings_Cross

Aig an àm seo, tha measgachadh de thrèanaichean dealanach is trèanaichean diosail a’ ruith eadar Glaschu is Dùn Èideann ged a tha an loidhne a-nis dealanach. Leis na “trèanaichean sona” seo, bidh e comasach dhaibh trèanaichean dealanach a-mhàin a ruith eadar an dà bhaile agus bidh seirbheis nas luaith is nas uaine againn.

Tha e gu math brosnachail gu bheil cumhachd an dealain aig barrachd is barrachd de na loidhnichean ann an Alba. Sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, chaidh loidhne Chomar nan Allt, Loidhne Canàl Phàislig agus Loidhne Whifflet a dhealanachadh. Tha trèanaichean dealanach a-nis a’ ruith eadar Glaschu is Dùn Èideann (taobh Bràigh na h-Eaglais Brice) cuideachd agus tha obair a’ dol air adhart gus loidhnichean dealain a chur suas gu Sruighlea/Allmhagh/Dùn Blàthain agus Glaschu gu Dùn Èideann taobh Shotts.

‘S e deagh naidheachd a tha seo oir tha trèanaichean dealanach mar as àbhaist a’ cleachdadh eadar 20% agus 35% nas lugha de CO2 na trèanaichean diosail.

Is beag an t-iongnadh gu bheil na Clas 365s cho toilichte!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Your Wee Happy Train! #gàidhlig #gaelic

  1. Thuirt stuartahamilton:

    Electricity comes to Whifflet. The locals will be besides themselves with their tube radios and light bulbs.

    Liked by 1 duine

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

w

Connecting to %s