Èiridh an ceann a deas a-rithist! #gàidhlig #gaidhlig

Èiridh an ceann a deas a-rithist! 

Na gabh dragh – chan eil mi a’ ciallachadh a’ Chonfederacy ann am Amereagaidh idir. Tha mi an dòchas nach tachair sin idir – ged a tha mi deidheil air Lynyrd Skynyrd agus na Dukes of Hazzard! ‘S ann a tha mi a-mach air ceann a deas Shasainn.

Nis, nan robh thu deidheil air seann thrèanaichean à tòn Shasainn, càite an rachadh tu gus tòrr aca fhaicinn a’ ruith air rathad-iarainn glèidhte?

Cumbria!

Seadh, Cumbria.

Mar sin, ann an Sasainn, tha an ceann a deas ag èirigh a-rithist sa cheann a tuath! A bheil sin soilleir a-nis?

Aig Rathad-iarainn Eden Valley ann an Warcop, Cumbria, tha cruinneachadh de sheann trèanaichean ‘thumper’ (trèanaichean dìosail-dealanach a fhuair an t-ainm thumper a chionn ’s gu bheil iad a’ dèanamh fuaim àraid). Tha e uabhasach neònach na trèanaichean seo fhaicinn ann an Cumbria dùthchail seach ann ann Lunnainn no Kent ach tha e fìor mhath gu bheil iad ag èirigh a-rithist ann an àite sam bith!

‘Thumper’ clas 205 ann am Warcop, Rathad-iarainn Eden Valley, Cumbria

Tha an rathad-iarainn mu 20 mìle an ear air Penrith* air an A66 agus tha an loidhne mu 2 mhìle a dh’fhaid aig an àm seo. Tha iad an dùil leudachadh gu Appleby latha de na làithean, baile a tha ainmeil am measg luchd-turais agus a tha cuideachd air an lìonra rèile nàiseanta.

Bhiodh sin gun math feumail oir aig an ìre seo, chan eil còmhdhail phoblach sam bith ann dhan bhaile agus tha an rathad-iarainn fosgailte Didòmhnaich a-mhàin – an aon latha den t-seachdain nuair nach fhaighear càr air mhàl ann am Penrith no Carlisle.

Chaidh mi fhèin is an tè bheag ann – sa chàr – bho chionn goirid airson a dhol air trèana ear-dheas Shasainn ann an iar-thuath na dùthcha.

Bha saor-thoilich an rathaid-iarainn air leth laghach agus thug iad uile seachad tìde gus bruidhinn ruinn. Dh’innis fear aca dhuinn gun robh am blàr mu dheireadh aig na Seumasaich ann an Sasainn ann an ar-a-mach 1745 faisg air seann stèisean Clifton Moor air an loidhne. Thuirt e gur ann às an Eilean Sgitheanach a bha na Seumasaich a chaidh a mharbhadh ann agus gun robh iad air an tiodhlachadh faisg air làraich an stèisein.

Tha bùth sgoinneil ann cuideachd – an Warcop Emporium – a tha a’ reic tòrr mòr leabhraichean rèile cho math ri leabhraichean eile, DVDan is tòrr a bharrachd.

Fhuair sinn caraid ùr ann – teadaidh mòr geal.

Eubha – “A Dhadaidh – am faigh mi an teadaidh sin?”

Mise – “Eil thu cinnteach? Tha gu leòr theadaidhean agad mar-thà, nach eil agus tha i gu math mòr?”

Eubha – “Cinnteach!!!!”

Mise – “OK ma-thà, dè an t-ainm a bhios oirre? Dè mu dheidhinn Thumper – sin an t-ainm a th’ air an trèana an seo”.

Eubha – “No daddy! Thumper is a BOY’S name! How about Thumpelina?”

Às dèidh dhuinn Thumpelina a cheannach, chaidh sinn air an trèana.

Nuair a chaidh sinn air an trèana, thuirt an dràibhear air an tannoy “Ladies and gentlemen and Thumpelina, Welcome to the Eden Valley Railway.”

Tha an turas rud beag goirid ach tha deagh sheallaidhean rim faiceann de na h-achaidhean is beanntan agus tha e fìor mhath fuaim suaicheanta nan Thumper a chluinntinn a-rithist!

Sandford: Ceann na loidhne an-dràsta ach thathar an dùil is an dòchas gun ruig e Appleby latha de na làithean.

Sandford, Rathad-iarainn Eden Valley Railway

 

Alasdair

*Nuair a tha sinn a-mach air Penrith, a bheil fhios aig duine sam bith cò às a thàinig an t-ainm “Pioraid” air bha air Penrith a’ mhapa Gàidhlig a rinn Roy Pedersen? Neònach!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an England, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

One Response to Èiridh an ceann a deas a-rithist! #gàidhlig #gaidhlig

  1. Thuirt drronmccoy:

    Gu math innteanach! Tha an t-sìde a’ coimhead air math. Agus tha Eubha a’ fàs ro luath!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s