We’ve been dancing with Mr Brunstane – turas rèile #gàidhlig #gaelic

Tha mi a-nis air a dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba a tha fosgailte do luchd-siubhail. Tha beagan loidhnichean, ge-tà, a tha airson bathair a-mhàin agus nach eil fosgailte dhan phoball uair sam bith.

Gu fòrtanach, bidh turasan rèile a’ dol air na loidhnichean seo bho àm gu àm agus a’ toirt cothrom do dealasach thrèanaichean am faicinnn. Air ais aig toiseach an Ògmhios, chaidh mi air Turas Rèile Routes and Branches aig Comann Glèidheachas Rèile na h-Alba (Scottish Railway Preservation society – SRPS) a bha a’ dol bho Dhùn Èideann gu depot Millerhill agus air meur-loidhne Lìte a Deas am measg tòrr mòr àiteachan eile.

Clas 37 (37 025) ann am Waverley Dhùn Èideann turas rèile Routes is Branches

Bha mi air mo dhoigh glan cothrom fhaighinn a dhol gu docaichean Lìte air an trèana. Rinn mi bhideo de chuid den turas.

Chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil trafaic cunbhalach sam bith air an loidhne sna làithean seo agus mar sin, bha e fìor fìor mhath cothrom fhaighinn a dhol oirre.

Chaidh sinn air feadh lìonra rèile Dhùn Èideann, Fìobh is meadhan na h-Alba agus mar a thachair e, bha againn ri dhol tro stèisean Brunstane trì no ceithir tursan tron latha. Thug e orm smaoineachadh mun òran Mr Brownstone le Guns n’ Roses!

Bha mi suidhe ri taobh fear à Lunnainn a bha air tighinn gu tuath airson an turais. Dh’fhaighnich e an robh ùidh agam ann an trèanaichean thall thairis. Thuirt mi nach robh cus ùidh agam ann a chionn ’s gun robh mi a’ cosg cus a’ siubhal air feadh na dùthcha seo mar-thà a’ coimhead air rathaidean-iarainn.

“An do fheuch thu ‘Ryanair trainspotting’ ge-tà?” dh’fhaighnich e?”

“Ryanair trainspotting?”

“Seadh! Tha tòrr dhaoine ris. Mur eil trèanaichean inntinneach faisg ort is ma tha port-adhair faisg ort far a bheil seirbheisean Ryanair ann, is urrainn dhut baile thall thairis a thaghadh is a dhol ann grunn thursan sa bhliadhna gus coimhead air na trèanaichean air prìs gu math ìosal.”

Inntinneach – ach chan eil mi airson cur ris an lorg carboin agam cus agus tha Lìte exotic gu leòr dhomh co-dhiù!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, treanaichean, Tursan rèile agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s