Chaidh mi fhèin is Jenny air turas romansach gu Venice (Venezia ann an Eadaltais) aig deireadh na seachdain.

Bratach Venice
Bha sinn a’ fuireach ann an àite aig an robh Apartment MyMichelle. Tha mi an dòchas nach d’fhuair e ainm bhon òran aig Guns n’ Roses den aon ainm oir tha e a’ tòiseachadh leis na faclan gu math neo-romansach seo:
Your daddy works in porno
Now that mommy’s not around
She used to love her heroin
But now she’s underground
Gu fortanach, bha an t-àite-fuirich gu math snog is cha robh e idir coltach ri rudeigin sleazy a-mach à clàr Guns n’ Roses!
Nis, tha Venice uamhasach ainmeil airson nan canàlaichean, gu sònraichte an Canal Grande. An àite busaichean agus trèanaichean, ’s e bàtaichean a’ phrìomh mhodh chòmhdhail sa bhaile. ‘S e ‘vaporetti’ (’stiomairean beaga’) a chanar ris na busaichean-uisge a th’ aca – ged is e dìosail a tha iad a’ cleachdadh sna làithean seo, a’ gabhail a-steach bio-dìosail air a dhèanamh le seann ola bho na taighean-bìdh.

Vaporetto air a’ Chanàl Mhòr, Venice
Tha na vaporetti gu math saor is gheibh thu deagh thuras den bhaile is cothrom na seallaidhean uile fhaicinn bhuapa. Tha loidhne 2 gu sònraichte math – tha seo a’ dol air a’ Chanàl Mhòr air fad gun a bhith a’ stad aig a h-uile stad.
Chaidh sinn gus na h-àiteachan ainmeil uile – Ceàrnag Naomh Mharcais, Lùchairt an Doge Drochaid Rialto agus an Campanile.
Bha sinn uamhasach math ach tha rud uamhasach neònach mu Venice – bha an cleasaiche sreath-mhurtaireach bhapaidhreach (no vampire serial killer clown mar a chanadh luchd na Beurla) Pennywise bhon fhilm It ri fhaicinn air feadh a’ bhaile a rèir coltais. Seo dhà no trì dealbhan a thog sinn dheth sa bhaile.
Agus bha pennywise ceart, THA a h-uile rud air fleòd shìos ann am Venice!

Hiya Georgie!
Ach dè mu dheidhinn trèanaichean, tramaichean is tràilidhean?
Ged a tha Venice ainmeil airson bàtaichean is canàlaichean, tha trèanaichean is tramaichean ann cuideachd. Tha an t-eilean ceangailte ri tìr-mòr na h-Eadailt le drochaid rèile agus tha stèisean rèile mòr ann am Venice.
A bharrachd air an drochaid rèile, tha drochaid rathaid ann eadar Venice is tìr-mòr cuideachd agus tha loidhne-trama air an drochaid a tha a’ ceangail Venice ri baile mòr Mestre. ‘S e loidhne meadhanach ùr a th’ ann a chaidh fhosgladh eadar 2010 agus 2015.
Chan e slighe-trama àbhaisteach a th’ ann idir – chan eil ach aon rèile aig na tramaichean! Tha an trama ga stiùireadh le aon rèile meatailt sa mheadhan agus tha coltas trama air ach tha e a’ dràibheadh air taidhrichean rubair mar a bhios bus!

Trama ann am Mestre Centro
Sgrìobh mi post eile mun trama mus robh cothrom agam a dhol air: Tranvia di Venezia – an t-slighe trama as neònaiche san t-saoghal. Nuair a chaidh mi air mu dheireadh thall, bhuail rud no dhà orm. Rud a bha math, b’ e gu bheil an seòrsa trama seo nas fheàrr air tionndadh agus air dèiligeadh ri leathaidean na tramaichean àbhaisteach. Rud nach robh cho math, b’ e gun robh am fuaim bho na taidhrichean caran àrd an taca ri trama àbhaisteach.
Às dèidh turas air ais gu Venice air an trama, dh’fheuch mi an rathad-iarainn eile sa bhaile: People Mover di Venezia. Tha an loidhne ghoirid seo a’ toirt daoine bho na longan-cruise agus bhon phàirce-chàraichean air eilean Tronchetto gu Venice fhèin.

People Mover Venice
Tha an trèana bheag seo fèin-obrachail is gun dràibhear. Ged nach mair an turas ach mu chòig mionaidean, gheibhear deagh sheallaidhean air an t-slighe.
‘S e baile air leth a th’ ann am Venice sa h-uile dòigh, a’ gabhail a-steach nan rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach aice!
Alasdair
Pingback: Tha a h-uile rathad (iarainn) a’ dol dhan Ròimh! #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean