Subway Ghlaschu 3.0 #gàidhlig @glasgowsubway

Tha dealbhan air tighinn am bàrr de na trèanaichean ùra airson Subway Ghlaschu air twitter.

Tha an Subway an dùil gum bi na trèanaichean ùra ann an seirbheis uaireigin ann an 2019. Roimhe sin, ge-tà, bidh aca ri deuchainnean a dhèanamh orra air trac-deuchainn an t-Subway a tha os cionn na talmhainn eadar Baile Ghobhainn agus Ath nam Broc air làrach meur-loidhne Baile Ghobhainn.  Tha mi an dòchas mar sin gum bi cothrom againn uile am faicinn ann an ùine nach bi ro fhada.

Dealbh den trac-deuchainn a’ coimhead gu tuath

 

‘S e atharrachadh mòr a bhios ann nuair a thig na trèanaichean ùra oir cha bhi dràibhearan aca idir, agus gu dearbh, cha bhi luchd-obrach sam bith orra. Tha gu leòr siostaman meatro ann gun dràibhearan sna làithean seo – an DLR ann an Lunainn mar eisimpleir, ach tha stiùirichean trèana orra a bhios a’ coimhead às dèidh an luchd-siubhail.

Is toil leam coltas nan trèanaichean ùra bhon taobh a-muigh ach tha iad a’ coimhead fìor mhath air an taobh a-staigh cuideachd.

Gus na trèanaichean ùra a chomharrachadh, bidh mi a’ sgrìobhadh sreath de dh’artaigilean mun t-Subway an seo thairis air na miosan ri thighinn.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Subway Ghlaschu, Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s