Subway Ghlaschu 1.0 #gàidhlig #gaelic @glasgowsubway

Chan fhada gus am bi trèanaichean ùra air Subway Ghlaschu agus chan eil teagamh sam bith nach eil coltas spaideil ùr-nodha orra.

Ach am mair iad fad 80 bliadhna?

1-Clockwork-orange-new-train

Tha na trèanaichean a th’ air an t-Subway aig an àm seo cha mhòr 40 bliadhna a dh’aois ach an robh fhios agad gun do mhair na trèanaichean tùsail air an t-Subway bho 1896 gu 1977?

Seo dealbh de thrèana Subway a chaidh a thogail ann an 1896 nuair a dh’fhosgail an siostam ùr – the Glasgow and District Subway.

0 R

Ma choimheadas tu air an trac air an làimh chlì, chì thu gu bheil càball ann eadar na rèilichean.  B’ e seo an càball a bha a’ tarraing nan trènaichean.

‘S e siostam càbaill a bh’ anns an t-Subway an tòiseach. Bhiodh na trèanaichean a’ greimeachadh air càball fada a bha a’ gluasad fad an t-siubhail. Gus tòiseachadh, bhiodh an trèana a’ greimeachadh air a’ chàball agus gus stad, bhiodh iad ga leigeil às!

Tha na càraichean-càball suaicheanta ann an San Francisco fhathast a’ ruith mar seo.

Bha einnsein-smùide mòr ann an Rathad Shields a bhiodh a’ tionndadh a’ chàbaill.

einnsein

B’ e seo Subway 1.0. Dh’atharraich cùisean ann an 1935 nuair a chaidh na trèanaichean atharrachadh gu cumhachd an dealain. B’ e seo Subway 1.1. Chleachd iad na h-aon trèanaichean le mòtairean trama annta ags lean cùisean orra mar seo gu 1977.

Seann trèana Subway ann an Taigh-tasgaidh Albannach nan Rathaidean-iarainn, Bo’ness

Ma tha thu airson seann trèana subway fhaicinn, chithear iad ann an Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne ann an Glaschu agus ann an Taigh-tasgaidh Albannach nan Rathaidean-iarainn ann am Bo’ness.

No ma tha thu airson trèana a cheannach dhut fhèin, tha e coltach gu bheil tè air a’ mhargaidh an-dràsta!

tubecar

Alasdair

 

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Metrothan, Subway Ghlaschu, treanaichean agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to Subway Ghlaschu 1.0 #gàidhlig #gaelic @glasgowsubway

  1. Thuirt Marconatrix:

    Bha mise na sean-thrèanaichean a’ cleachdadh ’sa ’70s nuair a bha mi ag obrachadh anns a’ Ghlaschu 🙂

    'S toil

    • Glè mhath! Bha mi 3 nuair a dhùin an seann siostam is chan eil cuimhne agam air 😦

      Liked by 1 duine

      • Thuirt Marconatrix:

        The carriage lighting was separate from the traction power supply, and fed from contacts to metal strips on the back walls of the tunnels. So when you went over an uneven join in the track, all the lights flickered. That was a unique memorable characteristic 🙂
        [Gabh mo lethsgeul airson na Beurla 😦 ]

        Liked by 1 duine

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s